Robertson a' tilleadh gu ICT

  • 14 An t-Ogmhìos 2017
John Robertson Image copyright SNS Group
Image caption Fhuair Robertson Caley Thistle dhan Phrìomh Lìog airson a' chiad turas ann an 2003

'S e John Robertson am manaidsear ùr aig Caley Thistle Inbhir Nis, is e a' tilleadh chun na sgioba a dh'fhàg e bho chionn faisg air 13 bliadhna.

Gabhaidh Robertson, 52, an t-àite aig Richie Foran, a chaidh a chur às a dhreuchd às dèidh do Chaley Thistle a dhol sìos dhan Championship.

Chuir e ainm ri cùmhnant dà bhliadhna às dèidh dha dreuchd choidsidh aig Hearts, far an robh e na chluicheadair is manaidsear airson 18 bliadhna, fhàgail.

Soirbheachas

Bha Robertson roimhe na mhanaidsear aig Caley Thistle Inbhir Nis eadar 2002 agus 2004, agus thug e an club suas dhan Phrìomh Lìog airson a' chiad turas mus do ghluais e gu Hearts.

Chan eil e air a bhith ag obair na mhanaidsear bho dh'fhàg e East Fife anns a' Mhàrt 2012.

Leig Cathraiche agus Àrd Stiùiriche Chaley Thistle, Kenny Camshron, dheth a dhreuchd trì là às dèidh dhan chluba a dhol sìos.

Prìomh amas

Tha an cathraiche ùr, Willie Fionnlasdan, ag ràdh gur e prìomh amas a' chluba faighinn air ais dhan Phrìomh Lìog air an ath-sheusan.

Thuirt e gur e Robertson an duine ceart airson ICT a' stiùireadh air ais dhan Phrìomh Lìog.