Innsidh an SNP an-diugh cò an ceannard ùr aca aig Westminster

  • 14 An t-Ogmhìos 2017
Iain Blackford, Joanna Cherry and Drew Hendry Image copyright SNP/PA
Image caption Tha Iain Blackford, Joanna Cherry agus Drew Hendry a-staigh airson na h-obrach.

Tha dùil gun tèid ceannard ùr Westminister an SNP a thaghadh an-diugh.

Tha dithis de bhuill na Gàidhealtachd am measg an fheadhainn a tha air liosta nan tagraichean - Iain Blackford, a tha a' riochdachadh Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abair, agus Drew Hendry, a tha a' riochdachadh Inbhir Nis, Inbhir Narainn, Bhàideanach agus Srath Spè.

Tha Joanna Cherry, Ball Pàrlamaid Dùn Eideann an Iar-dheas, cuideachd air an liosta.

Bha Tommy Sheppard, Ball-Pàrlamaid Dùn Eideann an Ear, air cantainn gun seasadh e, ach tha e air tarraing às.

Tha an dreuchd bàn leis gun do chaill Aonghas Robasdan an suidheachan aige ann an taghadh choitcheann an t-seachdain a chaidh.

Tha dùil ri fios mun dreuchd feasgar.