Stiùdio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Westminster

Tha Theresa May a' coinneachadh ri Ceannard an DUP, Arlene Foster, aig Sràid Downing an-diugh a' bhruidhinn air aonta eadar an dà phàrtaidh a leigeadh leis an Riaghaltas Tòraidh am planaichean a chur tro Thaigh nan Cumantan. Leig Rùnaire ùr na h-Àrainneachd, Mìcheal Gove, fhaicinn an-diugh gum bi nas lugha de ghearraidhean agus caomhnadh airgid ann le atharrachadh ann am poileasaidh an riaghaltais.

Holyrood

Leig dithis de na buill phàrlamaid ùra Tòraidh dhiubh an àite ann am Pàrlamaid na h-Alba. Bha Dùbhghlas Ros, a rinn a' chùis air Aonghas Robasdan aig an SNP ann an sgìre Mhoireibh san taghadh choitcheann an t-seachdainn seo chaidh, na bhall liosta dhan Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan aig Holyrood. Agus tha Ros MacThòmais, a bha na bhall liosta do cheann an Ear-Thuath na h-Alba, a-niste a' riochdachadh Obar Dheathain a Deas aig Westminster. Gheibh na tagraichean Tòraidh a bha san ath àite air an liosta airson Holyrood an-uiridh, a' chiad chothrom air an àite aig Holyrood.

Ìre na h-Atmhorachd

Dh'èirich an atmhorachd, a-rèir chlàir an CPI, gu 2.9% sa Chèitean, dhan ìre as àirde ann am faisg air ceithir bliadhna. Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta gur e aon adhbhar àrdachadh ann an cosgais shaor-làithean ann an dùthchannan eile, le luach an not a' tuiteam.

Munich

Chaidh bana-phoileas a dhroch leòn an dèidh losgadh orra le gunna aig stèisean-rèile ann am Munich anns a' Ghearmailt. Tha am boireannach, a tha 26, gu math ìosal anns an ospadal. 'S e fear a tha 37, agus a bhuineas do Mhunich a thug ionnsaigh orra le gunna a ghoid e bho oifigear poilis eile. Thuirt na poilis nach eil coltas sam bith ann gur e ceannairc a bha seo.

Ola

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gu bheil mu 40% dhe na companaidhean ann an gnìomhacas gas agus ola a' Chuain a Tuath nas misneachaile na bha iad. Bha chionn sia mìosan 's e 12% den na companaidhean a thuirt sin. Ach tha an sgrùdadh, a rinn Seòmraichean Malairt Obar Dheathain agus Roinn a' Mhonaidh, ag ràdh gu bheil còrr air leth de na companaidhean ag aideachadh gu bheil dùbhlain romhpa.