Ailtirean ospadail gan taghadh

  • 13 An t-Ogmhìos 2017

Chaidh cùmhnant a thoirt do chompanaidhean ailtireachd aison ospadalan ùra anns an Ath Leathann anns an Eilean Sgitheanach agus anns an Aghaidh Mhòir.

Tha dragh ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich gu bheil goireasan aig Ospadal Phort Rìgh a' falbh mu choinneamh ospadal ùr anns an Ath Leathann agus tha coimhearsnachdan ann am Bàideanach agus Srath Spè diombach gu bheil iadsan a' call ospadalan coimhearsnachd.

Chaidh Hub North Scotland earranta ainmeachadh mar a' chompanaidh a lìbhrigeas nan togalaichean ùra.

'S iad a bhios air cùlaibh a' phlanaidh agus a' cheannachd, agus 's iad air a bheil an t-uallach na pròiseactan a thoirt gu buil.

Chaidh na cùmhnantan dealbhachaidh a thoirt do na companaidhean ailtireachd, Oberlanders ann an Dùn Eideann agus Dealbhachadh Dùthchail, a tha stèidhichte anns an Eilean Sgiathanach.