Buill Ghàidhealach a-staigh airson ceannas an SNP aig Westminster

  • 13 An t-Ogmhìos 2017

Chaidh dithis de bhuill phàrlamaid na Gàidhealtachd ainmeachadh gu h-oifigeil mar thagraichean airson dreuchd ceannard Westminster an SNP.

Bidh Drew Hendry a tha a' riochdachadh Inbhir Nis, Inbhir Narainn, Bhàideanaich agus Srath Spè a' seasamh airson na dreuchd.

Tha Iain Blackford, a tha a' riochdachadh Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abair cuideachd a' seasamh.

Chaidh an dithis aca a thaghadh airson a' chiad uair ann an 2015.

Gu ruige seo, tha dithis eile cuideachd ag iarraidh na h-obrach - Joanna Cherry agus Tommy Sheppard.

Tha seo a' tighinn an dèidh mar a chaill Aonghas Robasdan, aig an robh an dreuchd, an suidheachan aige anns an taghadh choitcheann an t-seachdain a chaidh.

Tha Stiùbhart Hosie san dreuchd anns an eadar-ama.