Taisbeanadh mu Lochlannaich Innse Gall a' fosgladh ann am Beinn na Faghla

  • 13 An t-Ogmhìos 2017
stone Image copyright other
Image caption Tha na h-Eileanan an Iar luachmhòr a thaobh rudan a chaidh fhaighinn bho linn nan Lochlannach.

Fosglaidh taisbeanadh ùr mu bheatha làitheil nan Lochlannach fhad 's a bha iad anns na h-Eileanan an Iar ann an Taigh-tasgaidh nan Eilean ann am Beinn na Faoghla.

Bithear a' coimhead air mar a dh'atharraich beatha nan eileanach agus mar a chaidh na Lochlannaich, beag air bheag, an lùib nan coimhearsnachdan.

Chìthear a' bhuaidh a thug iad air dòigh beatha nan daoine, le cultar, ealan agus creideamh cudromach dhaibh.

Bidh grùnn nithean arc-eòlach a chaidh a thoirt às an talamh anns na h-Eileanan air an taisbeanadh, nam measg rudan a chaidh fhaighinn ann am Bòrnais an Uibhist a Deas, le pìosan a bh' air tighinn à Nirribhidh agus a' Ghrèig, a bharrachd air Èirinn, Sasainn agus Sealtainn.

Image copyright CNES
Image caption Ùdal ann an Uibhist a Tuath

Bidh stuth a chaidh fhaighinn ann an Ùdal ann an Uibhist a Tuath bho chionn 30 bliadhna cuideachd ri fhaicinn.

Thuirt Arc-eòlaiche Chomhairle nan Eilean Siar, Kevin Murphy gu bheil an taisbeanadh a' toirt dhuinn deagh dhealbh de chaitheamh-beatha nan daoine - na bha iad a' cur agus ag ithe, dè seòrsa aodaich a bh'orra, an obair a bhiodh aca, agus ciamar a bha iad a' dèiligeadh ri saoghal nan Lochlannach.

"Tha na pìosan a chaidh a chladhadh a' sealltainn gun robh cultar sònraichte aca aig an àm seo, a bha gu tur eadar-dhealaichte bhon a linn a chaidh seachad agus bidh e tlachdmhòr dhan t-sluagh agus do dh'eòlaichean".

Bidh an taisbeanadh a' fosgladh do mhuinntir nan Eilean air Diciadain 21 dhen Òg-mhìos eadar 5-6f agus bi e ri fhaicinn dhan mhòr-shluagh suas chun dàrna là dhen t-Sultainn.

Bidh eòlaichean an làthair bho Treasure Trove Scotland son òraidean agus bùthan-obrach tron latha air an 21mh là dhen Òg-mhìos.