Iomairt son sgìrean fiadhaich a dhìon bho leasachaidhean mòra coimearsalta

  • 13 An t-Ogmhìos 2017
Forsinard Image copyright Lorne Gill/SNH/2020VISION
Image caption A-rèir Urras Iain Muir tha tòrr taic am measg a' mhòr-shluaigh son àitean fiadhaich a' ghlèidheadh.

Tha Urras Iain Muir a' cur iomairt ùr air bhonn Dimàirt ag amas air dìon san lagh do sgìrean fiadhaich ann an Alba.

Tha an iomairt 'Keep it Wild' ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba cumhachdan dealbhachaidh ùra a chleachdadh son sgìrean fiadhaich a dhìon bho leasachaidhean mòra coimearsalta, an leithid tuathan-gaoithe.

Chuir an t-Urras cunntas-bheachd air dòigh a sheall gu bheil còrr 's leth de mhuinntir na h-Alba ag iarraidh sin.

Creag Riabhach

Tha cùis a' dol tro Chùirt an t-Seisein a thaobh thuath-gaoithe na Creige Riabhaich agus a-rèir Urrais Iain Muir, tha e a' cur an sgìre fhiadhaich seo ann an cunnart.

Feumaidh a' chùirt beachdachadh air am bu chòir cead a thoirt do 22 crainn gaoithe, 125 m a dh'àirde air Creag Riabhach ann an Alt Na h-Eirbhe.

Dh'iarr an t-Urras air Riaghaltas na h-Alba gum bi an aon seòrsa dìon anns a' bhile sa tha a' dìon nam Pàircean Nàiseanta.

Thuirt Ceannard Poileasaidh an Urrais, Helen McDaid gu bheil àitean fiadhaich an Alba mar phàirt chudromach a thaobh cultar agus fèin-aithne na dùthcha.

"Tha e measg na prìomh rudan a thaobh eaconomaidh na h-Alba, a' tàladh luchd-turais bho air feadh an t-saoghail, a tha cosg airgid agus a' cur taic ri cosnaidhean anns na coimhearsnachdan as iomallaiche againn".

Uallach

Tha uallach air Comhairliche Bharraigh is Uibhist a Deas, Dòmhnall Manford, ge-tà, mu mar a tha cuid a riaghailtean glèidhteachais air an làimhseachadh agus tha e den bheachd gu bheil e cudromach gu bheil na sgìrean air an dìon ann an dòigh a tha a' seirbhiseachadh an t-sluaigh.

Tha e ceart, thuirt e, gum bu chòir planaichean dealbhachaidh a bhith ann, ach bu chòir an toirt air aghaidh mar a tha na daoine anns na sgìrean sin ag iarraidh.

"Ged a tha e glè mhath na th' aig Urras Iain Muir ri ràdh, ach cha bu chòir làmh an uachdair a bhith aca".

"Gu math tric chì sinn ... far a bheil iad a' cur rudan gu math teann ann, a tha dèanamh duilgheadasan do dhaoine taighean a thogail ... tha e ceart gu leòr gum bu chòir beachd a bhith aig Urras Iain Muir, ach chan eil e ceart gum bi làmh an uachdair aca air an fheadhain a tha beo anns na sgìrean".