Sgudal air an t-sitig ann an Tiriodh

  • 13 An t-Ogmhìos 2017
recycling bin Image copyright Getty Images
Image caption Tha cuid a dhaoine a' fàgail sgudail far nach bu chòir.

Tha feadhainn ann an Tiriodh a' cumail a-mach gu bheil daoine a' tilgeil às sgudail ann an àiteachan nach bu chòir dhaibh, air sgàth 's mar a dh' atharraich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid cho tric 's a tha iad a' togail sgudal an eilein.

Tha Comhairle Choimhearsnachd Thiriodh ag iarraidh gun deadh an t-ionad ath-chuairteachaidh a chumail fosgailte nas fhaide, agus barrachd bhionaichean a chur air feadh an eilein airson ath-chuairteachadh feuch an tèid aca air an t-suidheachadh a' leasachadh.

'S ann san t-Samhain an-uiridh a dh'atharraich Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid an dòigh anns a bheil iad a' togail bhionaichean sgudail uaine san sgìre bho cheala-deug gu gach trì seachdainean.

Tha dragh air èirigh am measg na coimhearsnachd ann an Tiriodh nach eil seo ag obair 's gu bheil daoine a' fàgail sgudail ann an àiteachan nach bu chòir.

Samhradh

Thuirt fear-labhairt bho Chomhairle Choimhearsnachd Thiriodh, Iain MacAsgaill, gu bheil daoine air a bhith a' tilgeil an cuid sgudail ann an àiteachan far nach bu chòir dhaibh bho thòisich a' chomhairle a' togail nan bionaichean h-uile trì seachdainean, ged a chaidh bionaichean a bharrachd a chur mu thimcheall an eilein.

Tha iomagain air cuid le mìosan an t-sàmhraidh air thoiseach agus barrachd luchd-turais a' tighinn, gum bi an trioblaid nas miosa buileach.

Mhol Mgr MacAscail gum bu chòir Ionad Ath-chuairteachaidh an eilein a bhith fosgailte nas fhaide tron latha, mar a tha air tìr-mòr Earra-Ghàidheal.

"Seo eisimpleir eile far a bheil aon riaghailt aig a' chomhairle son tìr-mòr Earra-Ghàidheal agus riaghailtean eile airson coimhearsnachdan eileanach leithid Tiriodh.

Uairean fosglaidh

"Tha feum againn air an ionad ath-chuairteachaidh an seo ann a Tiriodh a bhith fosgailte uairean nas fhaide son cothrom a thoirt do dhaoine cuidhteas fhaighinn dhen sgudal aca le siostam a tha freagarach son na lìnn seo".

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle Earra Ghàidheal is Bhòid gun robh barrachd bhionaichean taobh a-muigh gheataichean an ionaid, ach gun deach iad a ghluasad taobh a-staigh an ionaid as dèidh draghan a chaidh a thogail leis a' choimhearsnachd.

Tha a' chomhairle airson na bionaichean sin a chur air ais taobh a-muigh a' gheata a-rithist, gus am bi cothrom aig daoine an sgudal aca a chur annta aig àm sam bith.

Thuirt iad gu bheil an t-ionaid fosgailte aig diofar amannan sia latha san t-seachdain agus gum faigh muinntir an eilein fios mun sin air làrach-lìn na comhairle.

Leis gu bheil obair eile aig luchd-obrach an ionaid, agus leis gur e coimhearsnachd bheag a th' ann a Tiriodh, chan eil planaichean aca, thuirt e, a bhith fosgailte amannan nas fhaide tron latha.