Iomain Cholmcille 10

  • 13 An t-Ogmhìos 2017
Iomain Cholmcille

'S ann sa Ghearasdan aig am a' Mhòid a bhios Iomain Cholmcille am-bliadhna.

Tha clach-mhìle ann dhan fharpais iomain eadar-nàiseanta do luchd-labhairt na Gàidhlig, is deich bliadhna ann bho thòisich e.

'S ann san Òban a bha a' chiad Iomain Cholmcille ann an 2007, is e na phàirt de dh'Fhèill Chaluim Chille.

Chòrd an gnothach cho mòr ris na bha an làthair is gun do thill an fharpais bliadhna às dèidh bliadhna.

Thar na bliadhnaichean, tha Iomain Cholmcille air tadhal air Conamara, Dùn nan Gall, An t-Eilean Sgitheanach agus Glaschu.

Thòisich an fharpais le geama eadar Alba is Cumann Micheal Breathnach, ach tha sgiobaidhean eile, Fir Uladh à Ceann a Tuath na h-Èireann agus Na Gaeil Óga à Baile Atha Cliath, cuideachd air tighinn an lùib a' ghnothaich.

Thàinig leudachadh mòr eile ann an 2015 le farpais nam bàn ga stèidheachadh.

"Beàrn"

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e a' lìonadh beàrn", thuirt Eòghan Stiùbhart, co-ordanaiche a' ghnothaich.

"Tha tòrr chuideam gu chur - airson math no dòna - air na h-ealain anns a' Ghàidhlig agus tha sin a' gearradh a-mach tòrr chothroman a th' ann do dh'fhir òga gu h-àraid, ach cuideachd do bhoireannaich, aig nach eil ùidh ann an ceòl no ann an dannsa no rudeigin mar sin.

"Tha e a' còrdadh ri daoine a bhith a' tighinn còmhla agus spòrs a chluich còmhla, agus an uairsin an cràic agus an còmhradh a tha a' tighinn a-mach à siud.

"Cuideachd, le a bhith an sàs còmhla ris na h-Èireannaich, tha sinn a' faicinn mar a chleachd iadsan spòrs airson an cànan aca a bhrosnachadh", thuirt e.

Bidh farpais na bliadhna seo anns a' Ghearasdan aig an aon àm 's a tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' dol sa bhaile.

Thuirt Eòghan gu bheil seo a' toirt gu buil rud a bha san amharc 'son grunn bhliadhnaichean, is Iomain Cholmcille a' dol an lùib na fèill Gàidhlig as motha a th' ann.

Cha toir seo buaidh air Cupa iomain a' Mhòid fhèin, a bhios ann air an dearbh là ri Iomain Cholmcille.