Bile nan Eilean air fhoillseachadh

  • 12 An t-Ogmhìos 2017
Na Hearadh

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba Bile nan Eilean is iad ag ràdh gur e "reachdas eachdraidheil" a th' ann.

Dh'èirich am bile às an iomairt 'Ar n-Eileanan ri Teachd' aig Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh is Comhairle Shealtainn.

Thuirt Ministear nan Eilean, Humza Yousaf, gun dèanadh an lagh ùr cinnteach gu bheil poileasaidh aig a h-uile ìre a' toirt spèis do mhuinntir nan eilean.

Thathas a' gealltainn gun tèid Plana Nàiseanta Eileanach a stèidheachadh, is gum bi dleastanas air ùghdarrasan - air a bheilear a' cur "Island Proofing" - fo am feumar beachdachadh air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig poileasaidh sam bith air coimhearsnachdan eileanach ann an Alba.

Bhiodh dìon san lagh air na h-Eileanan an Iar mar roinn phàrlamaid ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba, is sùbailteachd a bharrachd a thaobh na h-àireamh de chomhairlichean ann an uardan far a bheil eileanan.

Cumhachdan

Thathas cuideachd a' gealltainn tuilleadh chumhachdan do dh'ùghdarrasan eileanach timcheall air a' chladach is a' mhuir, am measg eile.

Bha ceannnard ùr Comhairle nan Eilean Siar, Ruairidh MacAoidh, am measg na chuir fàilte air a' bhile.

"Bidh seo na buannachd dha na h-Eileanan againn is sinn a' strì 'son aithne air an t-suidheachadh shònraichte againn fhin, agus cumhachdan a bharrachd airson an eaconomaidh againn a neartachadh, is taic a chumail ri ar coimhearsnachd is ar cultar", thuirt Mgr MacAoidh.

"S e ceum air adhart a th' ann cuideachd san t-strì gus sluagh a chumail an seo, fear de na trioblaidean as motha a th' againn", thuirt e.

Taic

Thàinig taic cuideachd bho Cheannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, is i a' tadhal air Eilean Eige, far a bheil na daoine a' comharrachadh 20 bliadhna bho cheannaich iad an t-eilean.

Thuirt i, ge-tà, gu bheil feum air an reachdas a leudachadh.

"S e ceum cudromach a th 'ann ach cha bu chòir dhuinn stad aige seo. Tha feum againn air na poileasaidhean seo anns na coimhearsnachdan dùthchail againn, far a bheil na dearbh thrioblaidean a' bualadh air daoine 's a tha aig daoine ann an eileanan", thuirt i.

Tha am bile a-nise aig a' chiad ìre ann an Holyrood.

Bidh cothrom ann atharraichean a chur air adhart le bhòt orra aig an darna ìre, is an cothrom mu dheireadh beachdachadh air a' bhile aig an treas ìre, mus tèid a chur san lagh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile