Càineadh air seirbheis aiseig Steòrnabhaigh

  • 12 An t-Ogmhìos 2017
MV Loch Seaforth

Thog ball Gàidhealach ann am Pàrlamaid na h-Alba dragh mun t-seirbheis aiseig eadar Ulapul is Steòrnabhagh.

Thuirt Rhoda Ghrannd, a tha na ball Làbarach aig Holyrood, gu bheil an t-seirbheis cho trang is gu bheil e a' fàiligeadh air daoine àite fhaighinn air an MV Loch Seaforth.

A rèir a' Bh.Ph. Ghrannd, tha cuid e air fios a chur oirre a dh'innse gun do dh'fheuch iad ri ticeadan a cheannach is nach robh àite ann dhaibh.

Bha fiù 's suidheachadh ann, thuirt i, nuair nach robh àite ann do neach-siubhail a bha a' siubhail gun chàr.

Dh'innis i gu bheil dragh ann gur ann nas miosa a thèid cùisean nuair a thòiseachas laithean-saora nan sgoiltean.

Thuirt Bh.Ph. Ghrannd gu bheil e follaiseach nach eil aon bhàta-aiseig comasach air dèiligeadh ris an trafaig agus luchd-siubhail air an t-slighe.

Bha sin follaiseach bho thùs, thuirt i, is i a' fàgail air Riaghltas na h-Alba gur iad as coireach airson an co-dhùnadh a tha sin a dhèanamh.

Mus do thòisich an Loch Seaforth, bha seirbheisean fa leth ann airson luchd-siubhail agus bathair.

Gheall i an gnothach a thogail nuair a choinneachas i ri CalMac an ceartuair.

Thuirt fear-labhairt bho Chòmhdail Alba gun gabh an Loch Seaforth 20% a bharrachd chàraichean an taca ris an t-seirbheis a bh' ann, a bharrachd air seirbheisean bathair tron oidhche.

Thuirt e cuideachd gum bithear a' deasbad nan gnothaichean seo tric nuair a choinnicheas buidhnean luchd-cleachdaidh nan aiseagan.