Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Theresa May

Thuirt Rùnaire Brexit, Dàibhidh Davis, nach biodh ann ach faoineas do bhuill Tòraidh seasamh an aghaidh Theresa May airson ceannas a' phàrtaidh, a dh'aindeoin agus gun do chaill na Tòraidhean mòr-chuid ann an Taigh nan Cumantan san taghadh choitcheann. Thuirt Mgr Davis gu bheil obair mhòr ron Riaghaltas le gealltanas do mhuinntir Bhreatainn air còmhraidhean Brexit, a bhios a' tòiseachadh an ath-sheachdain. Dh'aidich e gu bheil co-dhùnadh an taghaidh a' ciallachadh gum bi na Tòraidhean a' leigeil às pàirt den mhanifesto aca.

Tha an caibineat ùr a' coinneachadh airson a' chiad uiar an-diugh. Thuirt Theresa May gu bheil an t-atharrachadh a' tarraing tàlant às ùr bho air feadh a' phàrtaidh. Tha Mìcheil Gove a' tilleadh dhan chaibineat mar Rùnaire airson na h-Àrainneachd.

Èirinn a Tuath

Tòisichidh còmhraidhean às ùr an-diugh airson riaghaltas a stèidhicheadh ann an Èirinn a Tuath. Sgaoil a' cho-bhanntachd riaghlaidh aig toiseach na bliadhna le eas-aonta eadar Deamocrataich an Aonaidh agus Sinn Fein. Tha dragh air Sinn Fein a-niste gun cuir aonta sam bith eadar na Tòraidhean agus an DUP ann an Westminster fèin-riaghladh Èirinn a Tuath ann an cunnart.

Ionnsaigh Lunnainn

Chaidh duine eile a chur an grèim fo amharas mun ionnsaigh cheannairc air Drochaid Lunnainn bho chionn còrr is seachdain. Chuir poilis duine, a tha 19, an grèim ann am Barking air taobh sear Lunnainn an-raoir.

Aiseag

Tha tè de bhuill a chinn a tuath ann am Pàrlamaid na h-Alba a' càineadh Riaghaltas na h-Alba agus dragh ann nach eil aon bhàta-aiseig idir comasach air dèiligeadh ris an trafaig agus luchd-siubhail air an t-slighe eadar Ulapul agus Steòrnabhagh. Tha Rhoda Ghrannd ag ràdh gu bheil e a' fàilneachadh mar-thà air daoine àite fhaighinn air a' bhàta-aiseig, an Loch Seaforth, agus gur e co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba, aon bhàta seach na dhà a chur air an t-seirbheis as coireach.