Iain Blackford ga cheangal ri dreuchd Westminster an SNP

  • 12 An t-Ogmhìos 2017
Iain Blackford Image copyright SNP

Thathas a' tuigsinn gu bheil a h-uile coltas ann gun seas Iain Blackford airson dreuchd cheannard Westminster an SNP.

Tha an dreuchd sin bàn is Aonghas Robasdan air àite aig Westminster a chall san taghadh an t-seachdain seo chaidh.

Rinn an Tòraidheach, Dùghlas Ros, a' chùis air Mgr Robasdan ann am Moireibh.

Chaidh Mgr Blackford a thaghadh ann an Srath Spè, agus Ros, an t-Eilean Sgitheanach is Loch Abar an toiseach ann an 2015, is ghlèidh e an roinn an t-seachdain seo chaidh le mòr-chuid de cha mhòr 6,000.

Tha feadhainn san SNP ag ràdh gu bheil taic mar-thà aig Mgr Blackford bho ghrunn bhuill airson obair cheannard an SNP aig Westminster.

Tha an luchd-taic aige ag ràdh gu bheil meas aig daoine sa phàrtaidh air Mgr Blackford, is gum faodadh e ceanglaichean le coimhearsnachdan dùthchail a neartachadh.

Tha Joanna Cherry, Tommy Sheppard is Stephen Gethins am measg ainmean eile a tha gan ceangal ris an dreuchd.

Tha Stiubhart Hosie san dreuchd anns an eadar-ama.

.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile