Comhairle airson obrachadh còmhla ri buill na Gàidhealtachd

  • 12 An t-Ogmhìos 2017
Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt ceannard Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil an t-ùghdarras deiseil is deònach obrachadh còmhla ri buill phàrlamaid na sgìre.

Bha Mairead Davidson a' bruidhinn agus buill a' dèanamh air Westminster Diluain às dèidh an taghaidh an t-seachdain seo chaidh.

Tha Drew Hendry is Iain Blackford bhon SNP a' tilleadh gu Westminster às dèidh dhaibh Inbhir Nis, Inbhir Naran, Bàideanach is Srath Spè, agus Ros, an t-Eilean Sgitheanach is Loch Abar a ghlèidheadh.

Bidh Jamie Stone bho na Lib Deamaich ann an Taigh nan Cumantan còmhla riutha is e air Cataibh, Gallaibh is Ros an Ear a thoirt bhon SNP.

Tha a h-uile coltas ann gum fàg sin fo-taghadh aig ìre Comhairle na Gàidhealtachd, is Mgr Stone bho chionn ghoirid air a thaghadh mar chomhairliche ann an sgìre Bhaile Dhubhthaich is Ros an Ear.

Thuirt Mairead Davidson gu bheil sinn a' tighinn beò ann an àm glè chudromach dhan Ghàidhealtachd, is gum feum a' chomhairle is riochdairean eile obrachadh còmhla.

Dh'iarr i gun seas na buill phàrlamaid ris an ùghdarras air ceistean a tha cudromach dhan sgìre, fìu 's ged a bhiodh sin a' dol an aghaidh am pàrtaidh fhèin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile