Bàs nighinn bhig ga rannsachadh

  • 12 An t-Ogmhìos 2017

Tha rannsachadh a' leantainn mu bhàs nighinn bhig ann an Inbhir Nis.

Bha an nighean, a bha trì seachdainean a dh'aois, a' fuireach air Sràid MhicAoidh ann an sgìre Bhaile a' Chnuic.

Chaidh a toirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir, ach bhàsaich i an sin feasgar Diardaoin.

Thuirt na poilis nach eil fios fhathast dè thug bàs dhan phàisde.

Tha iad ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun chùis tighinn thuca gun dàil.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile