Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Taghadh Coitcheann

Thèid Theresa May gu Lùchairt Bhuckingham feasgar a shireadh cead bhon Bhanrigh airson riaghaltas a chruthachadh. Tha a h-uile seat ach aonan air fhoillseachadh a-nise anns an taghadh choitcheann. Tha 318 aig na Tòraidhean, ochd gann de na tha a dhìth airson mòr-chuid.

Aithris bho Niall O'Gallagher

Tha seachdnar bhall-pàrlamaid Làbarach a-nise a’ riochdachadh Alba aig Pàrlamaid Westminster, sianar a bharrachd na bh’ aca sa phàrlamaid mu dheireadh. A rèir Peadar O Donnghaile, a bha a’ seasamh airson nan Làbarach ann an sgìre Rois, an t-Eilean Sgitheanach is Loch Abar, rinn iad nas fhèarr na bhathar an dùil, agus gum bi iad ann airson muinntir na h-Alba a riochdachadh.

Cliop bho Pheadar O Donnghaile

Agus rinn am Pàrtaidh Làbarach anns na h-Eileanan Siar adhartas cuideachd, leis a' bhòt aca a' dol suas 5.2%. Mhìnich Ealasaid NicDhòmhnaill, an tagraiche aca, carson a rinn iad adhartas.

Cliop bho Ealasaid NicDhòmhnaill

Ged a ghlèidh Aonghas Brianan MacNèill an seat do Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, le 6,013 bhòtaichean, bha an àireamh a thug taic dha sìos an taca ri 2015, còrr is 13%. Ach tha Mgr MacNèill den bheachd gum bi daoine a' tionndadh thucasan a-rithist, nuair a dh'fhàsas cùisean nas soilleire a thaobh Brexit.

Cliop bho Aonghas Brianan MacNèill

Chaill an SNP 21 seat uile gu lèir, ach 's iad fhathast am pàrtaidh as motha ann an Alba. Thuirt an Leas-Phrìomh-Mhinistear, Iain Swinney, gum bithear a-nise a' meòrachadh air an seasamh a thaobh referendum eile air neo-eisimeileachd na h-Alba, rud a thug buaidh cho mòr air buil na bhòta ann an Alba. Thug e taing gu co-obraichean a chaill na seataichean aca, nam measg dithis de na buill-pàrlamaid as cudromaiche 's a th' air a bhith aca rè nam bliadhna. Chaill leas-cheannard a' phàrtaidh ann am Westminster, Aonghas Robasdan, seat Mhoireibh, a bha aige fad 16 bliadhna. Chaill Ailig Salmond, a bha roimhe na Phrìomh Mhinistear, roinn-Phàrlamaid Ghòrdain, ri Cailean Clark bho na Tòraidhean.

Tha ceannard UKIP Paul Nuttell air leigeil fhaicinn gu bheil e air a dhreuchd a leigeil dheth. Dh'fhàilnich e air a' phàrtaidh aon seat fhaighinn ann am Westminster.

Tha sgìre Ghallaibh, Chataibh agus Taobh Sear Rois am measg nan sgìrean a chaill Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba san taghadh. 'S e Jamie Stone bho na Lib-Deamaich a ghlèidh an sgìre sin. Ghlèidh Iain Blackford agus Drew Hendry bhon SNP na seataichean aca air a’ Ghàidhealtachd, ach cha deach an là leotha chun na h-ìre 's a chaidh bho chionn dà bhliadhna.

Aithris bho Karen Elder

Ann an Earra-Ghàidheal is Bòd rinn an Nàiseantach, Brendan O'Hara, a chùis air Gary Mulvaney bho na Tòraidhean, le beagan a bharrachd air 1,300 bhòt. Tha mòr-chuid Mhgr O'Hara sìos 8.3% an taca ris an taghadh mu dheireadh.

Manchester

Thèid rannsachadh bàis nan daoine a chaidh a mhurt ann an ionnsaigh-cheannairc Mhanchester air a mhios sa chaidh, fhosgladh an-diugh. Chaidh dà dhuine thar fhichead a mharbhadh nuair a spreadh Salman Abedi boma ann an Arena Mhanchester an dèidh cuirm-chiùil Ariana Grande. Chaidh còrr is ceud duine eile a ghoirteachadh. Tha aon duine thar fhichead an grèim an co-cheangal ris a' chùis fhathast.