An Taghadh Coitcheann: Pàrlamaid gun mòr-chuid

  • 9 An t-Ogmhìos 2017
Theresa May Image copyright PA

Dhearbh Theresa May gun tèid i air adhart le riaghaltas beag-chuid, a dh'aindeoin 's gur e pàrlamaid crochte buil an taghaidh choitchinn.

A' bruidhinn ann an Sràid Downing às deidh dhi tadhal air a' bhanrigh, thuirt i gun obraicheadh am Pàrtaidh Tòraidheach ann an co-bhanntachd leis an DUP airson maith na rìoghachd air fad.

Le 318 seataichean, tha na Tòraidhean ochd gann de na tha a dhìth airson mòr-chuid.

Ann an Alba, tha an SNP air a' mhòr-chuid de na seataichean fhaighinn, ach tha iad air 22 a chall ri na Tòraidhean, na Làbaraich agus na-Lib Deamaich, an coimeas ri dà bhliadhna air ais, nuair a shoirbhich leotha le 56 seat.

Leig Pòl Nuttall dheth a dhreuchd mar cheannard UKIP às dèidh fàilneachadh air a' phàrtaidh aige seataichean sam bith a bhuannachd. Thuirt Mgr Nuttall gun robh an taghadh air tighinn aig droch àm dhan phàrtaidh agus gun robh ceannard ùr a dhith airson UKIP a stèidheachadh às ùr.

Tòraidhean

Thuirt am Ball-Pàrlamaid Tòraidheach airson Broxtowe, Anna Soubry, gur e fìor dhroch oidhche a th' air a bhith ann dha na Tòraidhean, 's gur e sin buil iomairt cho truagh 's a chuireadh a-riamh fa chomhair an t-sluaigh.

Tha i den bheachd gum bu chòir dha Theresa May beachdachadh air a dreuchd fhàgail.

An dèidh dhi mòr-chuid a' phàrtaidh a chall, dh'iarr ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, gun leigeadh Theresa May dhith a dreuchd mar Phrìomhaire.

Thuirt e gur e urram a th' ann dha gun deach esan a thaghadh airson an naoidheamh turas mar Bhall-Pàrlamaid Ceann a Tuath Islington.

Thuirt Mgr Corbyn gur e dòchas a bha fa-near do dhaoine a bha a' bhòtadh dha na Làbaraich, seach gearraidhean mòra.

Image copyright Getty Images

Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

'S iad Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba am pàrtaidh as motha a bhios a' riochdachadh Alba aig Westminster an dèidh dhaibh 35 de na 59 seataichean a ghleidheadh.

Chailleadh ge-tà, 21 seat bhon taghadh mu dheireadh, 's chan eil an oidhche air a mheas buileach soirbheachail dhaibh.

Am measg na chaill seataichean tha Leas-Cheannard a' Phàrtaidh ann am Westminster, Aonghas Robasdan, aig an robh seat Mhoireibh fad 16 bliadhna.

Chaill Ailig Salmond, a bha roimhe na Phrìomh Mhinistear, roinn-Phàrlamaid Ghòrdain, ri Cailean Clark bho na Tòraidhean.

Tha Eilidh Whiteford cuideachd air Banff agus Buchan a chall gu na Tòraidhean. Ghluais còrr is 20% den bhòt sin bho na Nàiseantaich gu na Tòraidhean.

Thuirt Ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, nach eil teagamh nach do bhuannaich a' phàrtaidh aice ann an Alba, a dh'aindeoin 's gun do chaill iad 21 seat, ach gu bheilear feumach air ùine gus cnuasachadh agus beachdachadh air buil na bhòt gu h-iomlan.

Thuirt i cuideachd gur e oidhche sgriosail a th' air a bhith ann dha Theresa May agus gu bheil i an dòchas gum bi an SNP air chomas a bhith mar phàirt de roghainn eile, seach Riaghaltas Tòraidheach.

Image copyright EPA

'S iad na Tòraidhean a fhuair 12 de sheataichean an SNP. Fhuair na Làbaraich 6 agus na Lib-Deamaich 3.

Thuirt ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson, gu bheil buil an taghaidh air iarrtas an SNP airson dàrna referendum air neo-eisimeileachd a mharbhadh.

Na Sgìrean Gàidhealach

'S e Aonghas Brianan MacNèill a ghlèidh Na h-Eileanan an Iar do Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, le 6,013 bhòtaichean.

Bha sin còrr is mìle bhòt air thoiseach air Ealasaid NicDhòmhnaill bhon Phàrtaidh Làbarach, a fhuair 5,006 bhòtaichean.

Bha mòr-chuid Mhgr MhicNèill gu math nas ìsle na bha ann an 2015 ge-tà.

Ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, rinn an Nàiseantach, Brendan O'Hara a chùis air Gary Mulvaney, bho na Tòraidhean, le beagan a bharrachd air mìle agus trì cheud bhòt.

Tha mòr-chuid Mhgr O' Hara sìos 8.3% an taca ris an taghadh mu dheireadh.

Tha Drew Hendry air seat Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Strath Spè a ghleidheadh do Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, ach le mòr-chuid 10.2% nas lugha na fhuair e an turas mu dheireadh.

Bha Nicholas Tulloch anns an dàrna àite dha na Tòraidhean agus Mike Robb bho na Làbaraich anns an treas àite.

Tha Iain Blackford air sgìre Rois, an t-Eilean Sgitheanach agus Lochabair a ghleidheadh dhan SNP, le 15,480 bhòt.

B' e an Tòraidheach Raibeart MacCoinnich a bh' anns an dàrna àite, le 9,561 bhòt.

Bha na Lib-Deamaich anns an treas àite, le 8,042 bhòt.

Ann an Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear, 's iad na Lib-Deamaich a fhuair buaidh, 's Jamie Stone air an seat a bhuannachadh bho na Nàiseantaich.

Bha Paul Monaghan bhon SNP anns an dàrna àite.

Rinn Mgr Stone a chùis le beagan is dà mìle bhòt.

Na Libearalaich Dheamocratach

Tha Jo Swinson, às leth nan Lib-Deamach, a' tilleadh dhan Phàrlamaid an dèidh dhi a seat ann an Dùn Bhreatainn an Ear a chall ann an 2015.

Rinn i a chùis, 's i còrr is 5,500 bhòt air thoiseach air an Nàiseantach John Nicolson, a fhuair an seat bhuaipe bho chionn dà bhliadhna.

Aig a' cheart àm chaill Nick Clegg, a bha uair na cheannard air a' phàrtaidh Libearalach Dheamocratach agus na Leas-Phrìomhaire anns a' cho bhanntachd le na Tòraidhean, an seat aigesan ri na Làbaraich.

Rinn Vince Cable an gnothach air an seat aigesan ann an Twickenham a ghleidheadh às leth nan Lib-Deamach.