Mòr-chuid an SNP ga lùghdachadh sna h-Eileanan Siar

  • 9 An t-Ogmhìos 2017
Aonghas Brianan MacNèill
Image caption Ghlèidh Aonghas Brianan MacNèill an seat agus e a' faighinn 6,013 bhòtaichean.

Chùm Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba grèim air roinn-taghaidh nan Eilean Siar, ach le mòr-chuid a bh' air a lùghdachadh gu mòr.

Ghlèidh Aonghas Brianan MacNèill an seat agus e a' faighinn 6,013 bhòtaichean.

Bha sin còrr is mìle bhòt air thoiseach air Ealasaid NicDhòmhnaill bhon Phàrtaidh Làbarach, a fhuair 5,006 bhòtaichean.

Thog na Tòraidhean grunn bhòtaichean anns na h-Eileanan an Iar, suas 8% air toraidhean 2015.

Brexit

Ged a thàinig lùghdachadh de chòrr is 13% air an àireamh de bhòtaichean a fhuair e san taghadh mu dheireadh, tha Mgr MacNèill den bheachd gun till luchd-bhòtaidh chun SNP nuair a dh'fhàsas cùisean nas soilleire a thaobh Brexit:

"Tha mi a' smaointinn gun atharraich sin nuair a bhios e follaiseach dè tha Brexit a' ciallachadh, agus gur e bàta-teasairginn a bhios againn an uair sin.

"'S e taghadh a dhèanamh, a bheil sinn a' dol a dh'fhuireach ris an Titanic a dhol sìos, no a bheil sinn gu bhith coltach ri na dùthchannan neo-eisimeileach a tha timcheall oirnn 's a tha a' dèanamh glè mhath, agus gu math nas fheàrr na an Rìoghachd Aonaichte," thuirt e.

Prìomhachasan

Rinn am Pàrtaidh Làbarach adhartas anns na h-Eileanan Siar, leis an bhòt acasan a' dol an-airde 5.2%.

Mhìnich Ealasaid NicDhòmhnaill, an tagraiche aca, dè bha ise a' smaointinn a bh' air cùl an àrdachaidh.

"Tha an bhòt againn anns na h-Eileanan an Iar air a dhol suas agus tha e air a dhol suas o chionn dà bhliadhna air ais.

"Tha mi a' smaoineachadh gun robh mi fhèin làidir, gun robh na poileasaidhean a chur mi a-mach airson an àite làidir, agus feumaidh sinn dìreach a bhith gabhail air adhart leis an sin, 's innse dha daoine dè na priorities a th' againn," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo