Leasachadh air an A96 a' tòiseachadh

  • 8 An t-Ogmhìos 2017
Inbhir Narann

Tòisichidh leasachadh mar phàirt den obair ullachaidh airson seach-rathad ùr Inbhir Narann agus obair gus an A96 a leudachadh faisg air deireadh na mìos.

Thuirt Còmhdhail Alba gu robh dùil gun tòisicheadh an obair air 26mh den Ògmhios agus gum faodadh gum mair e chun t-Samhain.

Dh'fhaodadh atharrachaidhean a bhith air an trafaig anns na mìosan a th' air thoiseach, a rèir na buidhne.

Bithear a' dèanamh obair rannsachaidh aig 36 àiteachan faisg air an A96, no rathaidean eile faisg air làimh.

Sùil mhìonaideach

Thuirt fear-labhairt gun robh feum air an obair sgrùdaidh gus fiosrachadh cudromach mu staid na talmhainn mu thimcheall air an A96 eadar Inbhir Nis agus Allt Èireann a chruinneachadh.

Thuirt e cuideachd gum bi a' chompanaidh a nì an rannsachadh a' cumail sùil gu math mìonaideach air an trafaig airson a bhith cinnteach nach bi dàil ro fhada air dràibhearan.