Cobhair ga dhèanamh air iasgair

  • 8 An t-Ogmhìos 2017
Bàta an iasgair Image copyright Andrew Grant

Chaidh cobhair a dhèanamh air iasgair nuair a chaidh am bàta beag aige, an Inshallah, fodha ann an Loch Bhreatail eadar an Eilean Sgitheanach agus Canaigh madainn Dhiciadain.

Chaidh an t-iasgair a thoirt air bòrd le bàta-teasargain an Lord of the Isles - a bha seòladh à Loch Baghasdail gu Mallaig - beagan mhionaidean mus deach am bàta aige fodha.

Chaidh fios a chur air na maor-chladaich agus Comann Rìoghail nam Bàtaichean-teasairginn mu 08.50m. agus rinn bàta-teasargain Mhallaig sgrùdadh feuch an robh truailleadh sam bith san fhairge leis gun deach am bàta fodha uile gu lèir.

Thog bàta eile, Sunny Jim pàirt dhen sprùileadh a chaidh fhàgail.