Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Taghadh Coitcheann

Tha daoine air feadh na Rìoghachd Aonaichte a' bhòtadh anns an taghadh coitcheann, an treas taghadh nàiseanta ann am beagan is dà bhliadhna. Dùinidh na stèiseanan bhòtaidh aig 10.00f, 's tha dùil gun tòisich toraidhean na bhòt a' tighinn a-steach ro mheadhan oidhche. Tha feachdan poilis Bhreatainn ag ràdh gun tèid tèarainteachd a theannachadh aig cuid de stèiseanan às dèidh na h-ionnsaighean ceannairc ann am Manchester agus Lunnainn.

Lunnainn

Chaidh triùir fhireannach a chur an grèim ann an Ilford air taobh sear Lunnainn co-cheangailte ris an ionnsaigh ceannairc ann am meadhan a' bhaile Disathairne. Chaidh triùir eile a chur an grèim ann an sgìrean Newham agus Waltham Forrest fo amharas gun do bhris iad laghan ceannairc, ach tha na poilis ag ràdh nach eil ceangal aig an seo ris an ionnsaigh aig Drochaid Lunnainn.

Cobhair

Chaidh iasgair a shàbhaladh le criutha bhàt'-aiseig às dèidh dhan t-eathar aige a dhol fodha eadar Canaigh agus an t-Eilean Sgitheanach. Chaidh brath-èiginn a' leigeil chun nam maor-chladaich agus an RNLI goirid ro 09.00m an-diugh sa mhadainn gun robh bàt'-iasgaich ann an èiginn. Chaidh an t-iasgair a thoirt air bòrd an Lord of the Isles, a bha a' seòladh à Loch Baghasdail gu Mallaig, còig mionaidean mus deach am bàta aige fodha.

Seumas Comey

Tòisichidh am fear a bha na cheannard air an FBI a' toirt fianais gu Seanadh nan Stàitean Aonaichte ann am beagan uairean a thìde mun càirdeas a bh' aige le Dòmhnall Trump. Innisidh Mgr Comey mu na còmhraidhean a bh' aige ris a' Cheann-suidhe, mus deach a chur às a dhreuchd 's e a' rannsachadh an robh gnothach aig Ruisia le iomairt-taghaidh Mhgr Trump. Ann an aithris sgrìobhte a chaidh a leigeil mu sgaoil mar-thà, tha Seumas Comey ag ràdh gun do dh'iarr an ceann-suidhe air sguir a bhith a' rannsachadh ceangalan eadar Mike Flynn, a bha na chomhairliche tèarainteachd nàiseanta san riaghaltas aig Mgr Trump, agus oifigich Ruiseanach.

Pòsaidhean gèidh

Thèid bhòt eachdraidheil a chumail le Eaglais Easbaigeach na h-Alba an-diugh air am bu chòir cead a bhith aig càraidean aona-ghnèitheach pòsadh. Thèid bhòt a chumail air a' chùis aig Seanadh na h-eaglaise ann an Dùn Èidean feasgar. Ma bhòtas iad airson cùl-taic a chur ri pòsaidhean gèidh, chuireadh sin na h-Easbaigich an aghaidh traidiseantaich ann an Co-chomunn nan Eaglaisean Anglach.

Maorach

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air rabhadh a thoirt do dhaoine gun a bhith a' togail neo ag ithe mhaorach bho chladaichean Loch Chraigeanais. Thuirt oifigich slàinte gu bheil iad air ìrean àrd den bhacteria e-coli fhaighinn ann an srùpain, feusgain, eisirean agus muirsgein a chaidh a chruinneachadh anns an sgìre. Ron seo, chaidh ìrean nas àirde nan àbhaist de e-coli a lorg ann am maorach mu thimcheall air Eilean Chearraraigh, ann am Bàgh Dhùn Stafanais agus ann an Loch na Cille.