Eaglais Easbaigeach na h-Alba gus bhòtadh air pòsaidhean gèidh

  • 8 An t-Ogmhìos 2017
Càraid làmh ri làimh Image copyright Reuters

Bhòtaidh Eaglais Easbaigeach na h-Alba Diardaoin air am bu chòir dhaibh pòsaidhean eadar daoine gèidh a cheadachadh san eaglais.

Thèid deasbad a chumail air an t-seasamh aca atharrachadh aig seanadh na h-eaglaise ann an Dùn Èideann.

Chan eil gin de na h-eaglaisean eile san Rìoghachd Aonaichte, a tha co-cheangailte ri Eaglais Shasainn sa Cho-chomunn Anglach, air pòsaidhean eadar daoine gèidh a cheadachadh gu ruige seo.

Eas-aonta

Tha a h-uile gin ach aon sgìre easbaig na h-eaglaise air bhòtadh mar-thà airson lagh na h-Eaglaise Easbaigich atharrachadh gu gabhail ri pòsaidhean gèidh.

Ach tha dùil gum fosgail an bhòt dheireannaich seo faireachdainnean làidir.

Chan e a-mhàin gu bheil e eadar-dhealaichte ri dòigh thraidiseanta na h-eaglaise, ach ma thèid gabhail ris an atharrachadh, dh'fhaodadh sin easaonta adhbhrachadh leis an còrr den Eaglais Easbaigich.

Tha luchd-taic an dòchas, ma thèid seo troimhe, gun tòisich pòsaidhean gèidh san eaglais taobh a-staigh bliadhna.