An là mu dheireadh den iomairt
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An là mu dheireadh den iomairt

7 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha nas lugha na 24 uairean ann a-nis mus fhosgail na h-ionadan-bhòtaidh.

Am faigh Theresa May am mòr-chuid làidir a tha i ag iarraidh air thoiseach air còmhraidhean Brexit, neo an e Jeremy Corbyn a bhios os cionn nan còmhraidhean sin?

An tèid aig an SNP air na 56 buill a fhuair iad ann an 2015 fhaighinn air ais a-steach?

Bho thaobh nan Lib-Demach, bidh Tim Farron dòchasach gum faigh am pàrtaidh aigesan barrachd air na naoi buill a chaidh a thaghadh o chionn dà bhliadhna.

Bidh fios againn a dh'aithghearr, ach an-dràsta tha an tè-naidheachd phoileataigeach againn Iona NicRisnidh a' toirt sùil air ais air an iomairt.