Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iran

Chaidh sreath de dh'ionnsaighean a thoirt air prìomh-bhaile Iran le luchd-gunna agus bomairean fèin-mharbhtach. Chaidh na h-uimhir de dhaoine a mharbhadh agus an leòn ann an Tehran nuair a chaidh ionnsaighean a thoirt air togalach pàrlamaid na dùthcha agus aig tuama an Ayatollah Khomenei. Tha An Stàit Islamaich ag ràdh gur e iadsan a bh' air cùl na h-ionnsaighean. Tha feachdan tèarainteachd Iran air togalach na pàrlamaid a chuairteachadh agus coltas ann gu bheil na ceannarcaich air daoine a thoirt am bruid.

Tubaist rathaid

Bhàsaich fireannach, aois 42, ann an tubaist rathaid ann an Siorrachd Pheairt a-raoir. Cha robh ach aon charbad an sàs anns an tubaist, a thachair nuair a thuit craobh air an A85 faisg air Craoibh mu 8.00f.

Tuiltean

B' fheudar do ghrunn dhaoine an dachaighean fhàgail ann am Port Saoidh ann an Siorrachd Obar Dheathain agus am baile ann an cunnart bho thuiltean. Tha an droch shìde cuideachd air na h-uimhir de sgoiltean a dhùnadh ann an Siorrachd Obar Dheathain agus Moireibh, le cuid de sheirbheisean rèile agus aiseig gan cur dheth air a’ Ghàidhealtachd.

An Taghadh Coitcheann

Chaidh am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, ainmeachadh mar 'Clype' le ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, às dèidh dhi innse a-raoir gun robh ceannard nan Làbarach, Kezia Dugdale, air innse dhi gur maithte nach seasadh na Làbaraich an aghaidh referendum eile air neo-eisimeileachd. Ann an òraid ann an Dùn Èideann an-diugh, thuirt Ruth Davidson gun robh seo a’ sealltainn nach fhaodadh earbsa a chur anns na Làbaraich agus gum bu chòir don luchd-bhòtaidh taic a chur ri na Tòraidhean, ma bha iad airson referendum eile a sheachnadh.

Tha stiùriche Albannach nan Lib-Deamach airson iomairt an taghaidh ga rannsachadh le na poilis co-cheangailte ris an iomairt taghaidh aige airson Pàrlamaid na h-Alba an-uiridh. Tha oifigearan a’ rannsachadh chasaidean gun do bhris Alex Cole-Hamilton na riaghailtean a thaobh na dh'fhaodas a chosg air iomairt taghaidh, agus an uair sin gun do chur e a-steach aithris meallta mu na cosgaisean aige. Tha am pàrtaidh aige a’ dol às àicheadh gun do rinn e dad ceàrr.

Tiriodh

Thèid £8m a chosg thairis air còig bliadhna a' leasachadh cidhe air Eilean Thiriodh. Dhearbh CMAL, a tha an urra ri puirt agus bàtaichean-aiseig air a’ chosta an Iar, gun tèid cidhe Bhàgh Ghott a leasachadh agus cuid air an eilean air draghan a nochdadh mu stait na laimrig.