Taic do ghoireas spòrs-sneachda an Inbhir Nis

  • 7 An t-Ogmhìos 2017
Sneachda-bòrdadh Image copyright Thinkstock

Tha planaichean airson ionad spòrs-sneachda a thogail ann an Inbhir Nis air taic fhaighinn bho còrr is mìle neach.

Sgaoil buidheann-stiùiridh ceisteachan anns an tuirt 96% de na fhreagair gum bu toil leotha ionad den leithid.

'S iad clubaichean sgìthidh na sgìre a th' àir cùl nam planaichean agus dòchas aca ionad a chur air dòigh faisg air a' bhaile.

Dh'innis Dòmhnall Morris, a tha a' cur taic ris a' bhuidhinn-stiùiridh, gu bheilear fhathast aig ìre planaidh agus gun robhar air leth toilichte gun do ghabh an leithid de dhaoine pàirt anns an rannsachaidh, le faisg air 1,200 neach air beachdan a thoirt seachad.

Thuirt e gun robh mòr-chuid mòr air ùidh a shealltainn sa phròiseict, 's iad a' toirt seachad fiosrachaidh gu math mionaideach mu na seòrsachan rudan anns am biodh ùidh aca.

"Bha 96% aig an robh ùidh ann an ionad-sgithidh a bhith stèidhichte ann an Inbhir Nis, no faisg air Inbhir Nis," thuirt Mgr Morris.

Cur-seachadan

A thilleadh air sgitheadh, bha ùidh aig daoine ann an diofar chur-seachadan is ghoireasan leithid baidhceadh-slèibhe, sgitheadh Lochlannach, cafaidhean agus ionad coimhearsnachd.

Feumaidh a' bhuidheann-stiùiridh a-nis meòrachadh air na toraidhean agus bruidhinn ri diofar dhaoine is bhuidhnean aig a bheil ùidh gus feuchainn ri planaichean a thoirt air adhart.

"Bha farsaingeachd de bheachdan ann agus 's e dùbhlan a bhios ann a' feuchainn ri sin a thoirt ri chèile, ach 's e an ceann-naidheachd gun robh ùidh aig daoine.

"Bha ùidh aig daoine cuideachd ann a bhith a' cuideachadh leis a' phròiseict," dh'innis Mgr Morris.

A rèir Mhgr Morris, nochd trì diofar ìrean de dh'ùidh - daoine aig a bheil ùidh sa phròiseict, daoine a tha deònach cuideachadh an-dràsta 's a-rithist, agus cuid a tha dha-rìribh airson a bhith an sàs.

Goireasan

A thaobh co-dhiù a bheil gainnead ghoireasan san sgìre, bheachaich Mgr Morris: "Cha chanainn gu bheil e a dhìth aig an aon ìre 's a tha ospadal no rudeigin mar sin a dhìth, ach tha e a dhìth leis gu bheil a' chur-seachad a' còrdadh ri daoine - sgitheadh agus sneachda-bòrdadh.

"Leis mar a tha na seusanan air a bhith, gu sònraichte an seusan a dh'fhalbh, le gainnead sneachda, bha e duilich a bhith a' sgitheadh," thuirt e.

Thuirt e gu bheilear cuideachd airson clann is òigridh a bhrosrachadh gus a bhith a' dèanamh rudan a tha spòrsail, math dhaibh, agus rudan anns am faighear adhartas a dhèanamh.

Chan eil fios aig an ìre seo càite am bi an goireas stèidhichte, ach tha na làraich air a bheil a' beachdachadh uile nas lugha na 10 mìle a-mach à Inbhir Nis.