Obair leasachaidh air Bàgh Ghot

  • 7 An t-Ogmhìos 2017
Cidhe Bàgh Ghot

Thèid £8m a chosg thairis air an ath chòig bliadhna airson an cidhe aiseig aig Bàgh Ghot ann an Tiriodh a leasachadh.

Nochd an naidheachd mar fhreagairt air ceist a thog Ball-Pàrlamaid Albannach na sgìre, Mìcheal Ruiseal, agus dragh air mu staid a' chidhe.

Tha sin air a bhith na adhbhar iomagain do mhuinntir an àite rè ùine.

'S ann le CMAL a tha an cidhe - an companaidh aig a bheil sealbh oifigeil air bàtaichean-aiseig Chal Mac agus mòran de na cidhichean a bhios iad a' cleachdadh.

Fìor dhroch staid

'S ann aig a' chidhe aig Bàgh Ghot a bhios bàt'-aiseig Thiriodh a' laighe.

Tha draghan air nochdadh bho mhuinntir na coimhearsnachd gu bheil an cidhe ann am fìor dhroch staid, gu h-àraidh na casan a tha a' dol fon chidhe gu grunnd na mara.

Thathas cuideachd draghail gu bheil concrait a' chidhe fhèin air tòiseachadh a' briseadh agus gum faodadh sin a bhith na chunnart.

Ao-coltach ri cuid de na h-eileanan eile air a' chosta an iar, chan eil seirbheis-aiseig eile a' frithealadh an eilein. Ri linn sin, nam feumte an cidhe a dhùnadh airson obair-càraidh is eile, tha coltas ann gun toireadh sin droch bhuaidh air an eilean.

Nam freagairt do litir a' BhP Mìcheal Ruiseal, thug CMAL iomradh air an obair a thathas air a dhèanamh mu thimcheall a' chidhe eadar 2013 agus 2016.

Am measg sin: chur iad £150,000 a dh'ionnsaigh obair-càraidh air feansaichean agus balla na mara; chosg iad £400,000 air solais, obair-dealan agus obair-càraidh air ceann a' chidhe; agus, san dà bhliadhna mu dheireadh, chosg iad £100,000 a bharrachd gus leasachaidhean a dhèanamh a thaobh sàbhailteachd.

Planaichean

A thuilleadh air an obair a chaidh a dhèanamh gu ruige seo, thug iad cuideachd seachad fiosrachaidh mu na planaichean a th' aca airson an ath chòig bliadhna.

Nam measg, tha leasachadh a dhèanamh air an àite-cruinneachaidh aig ceann a' chidhe, agus ùrachadh a dhèanamh air an togalach agus air an t-siostam CCTV.

Cuideachd, eadar 2019 agus 2022, thathar an dùil obair-leasachaidh a dhèanamh air an deic airson linkspan ùr a chur an sàs agus obair-càraidh a dhèanamh air a' chidhe, obair a chosgas faisg air £8m uile gu lèir.

A thaobh nan draghan a chaidh a thogail mun choncrait, thuirt CMAL gun robh iad mothachail mun t-suidheachadh agus bheil einnseanair bhon chompanaidh a' dol a Thiriodh Diciadain gus measadh a dhèanamh. Ma tha staid a' chidhe dona gu leòr, thuirt iad gun tòisicheadh obair-càraidh an ceart uair.