Bhòtadh air tòiseachadh san taghadh coitcheann

  • 8 An t-Ogmhìos 2017
Ionad bhòtaidh Image copyright Getty Images
Image caption Dh'fhosgail ionadan bhòtaidh air feadh na dùthcha aig 07:00m, agus bidh iad fosgailte gu 10:00f.

Tha na h-ionadan bhòtaidh air fosgladh agus sluagh na Rìoghachd Aonaichte a' taghadh buill-phàrlamaid ùra.

Dh'fhosgail ionadan bhòtaidh air feadh na dùthcha aig 07:00m, agus bidh iad fosgailte gu 10:00f.

B' ann dìreach seachd seachdainean air ais a chaidh an taghadh seo a ghairm gu grad.

Bhon uair sin, tha na pàrtaidhean air a bhith ag iomairt air feadh na dùthcha, a' feuchainn ri ur bhòtaichean fhaighinn.

Thèid 59 ball-pàrlamaid a chur a Westminster à Alba.

Thèid 650 ball a thaghadh airson Taigh nan Cumantan uile gu lèir.

Nochdaidh sreath de bhuilean ann an uairean beaga na maidne a-màireach, agus dh'fhaodadh gum bi beachd againn an uair sin cò gheibh buaidh is cò bhios ann an Sràid Downing.

Bidh Radio nan Gàidheal air an èadhair fad na h-oidhche bho 9:55f Diardaoin, mar a thig na toraidhean a-steach, gu 07:00m, nuair a thòisicheas Aithris na Maidne.