Ceist an dà reifrinn

  • 7 An t-Ogmhìos 2017

Nam biodh an phàrtaidh a bha ag iarraidh a' chothruim a dhol air ais don luchd-bhòtaidh às dèidh taghadh 2015, b' iad na Lib Deamaich.

Chaidh sgrios a dhèanamh orra aig an taghadh mu dheireadh, mu dheas agus mu thuath, an taing a fhuair iad bhon luchd-bhòtaidh airson a dhol a-steach don riaghaltas leis na Tòraidhean ann an 2010.

Ann an Alba, chaidh an ruaigeadh bho thìr-mòr uile gu lèir, le gun ach Alistair MacIlleMhìcheil air fhàgail anns na h-Eileanan mu Thuath.

Agus cha b' ann na b'fheàrr a chaidh dhaibh anns a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Bha bhailtean Shasainn a tuath gu Ceann an Iar na Còirne, chaill iad a' chuid as motha de na suidheachain aca, an toradh a bu mhiosa o chaidh na Lib Deamaich a chruthachadh.

Ach tha iad an dòchas gun toir Brexit cothrom dhaibh cuid de na sgìrean a chaill iad bho chionn dà bhliadhna fhaighinn air ais.

Dà cheist

Ann an Alba, tha Willie Rennie a' creidsinn gur iad an aon phàrtaidh a tha air taobh a' mhòr-shluaigh air an dà cheist as cudromaiche don luchd-bhòtaidh.

Mar sin, tha manifesto Albannach nan Lib Deamach airson aon reifrinn agus gu tur an aghaidh fir eile.

Is iad an aon phàrtaidh a tha a' moladh reifreann a chumail air aonta sam bith a ruigear leis a' chòrr den Aonadh Eòrpach air an dòigh anns am bi an Rìoghachd Aonaichte ga fhàgail.

Aig a' cheart àm tha iad an aghaidh dàrna reifrinn air an neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Tha am pàrtaidh a' dol às aidhcheadh gu bheil an dà pholasaidh seo a' dol an aghaidh a chèile, ag ràdh nach bu toil leotha dàrna bhòt a chumail air ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach, ach ciad bhòt air an aonta mu dheireadh.

A dh'aindeoin sin, ge-tà, tha Tim Farron cha mhòr air dearbhadh gum moladh iad Breatainn a chumail anns an Aonadh ge bith dè an t-aonta a ruigeadh.

Tàladh

Air feadh Bhreatainn, tha an Lib Deamaich an dòchas gun toir sin cothrom dhaibh daoine a thàladh thuca bhon 48% a bhòt air son fuireach an-uiridh.

Ann an Alba, tha an àireamh sin ag èirigh gu 62%.

Air a' cheist eile - tè na neo-eisimeileachd - tha Willie Rennie a' cumail a-mach gu bheil nas treasa nan taic airson na Rìoghachd Aonaichte na pàrtaidh sam bith eile.

Tha iomadh duilgheadas air a bhith aig Kezia Dudgale - faic deasbad na h-oichdhe a-raoir.

Agus, tha na Theresa May fhèin ag ràdh "chan e seo an t-am" airson dàrna neo-eismileachd.

Tha na Lib Deamaich ag ràdh gu bheil iadsan na aghaidh aig am sam bith.

Soilleir

Air an dòigh chudromaich, tha clàr-ghealltanais nan Lib Deamach gu math diofraichte bho na foillsich iad bho chionn goirid.

Sin gu bheil iad a' gealltainn nach tèid iad an sàs ann an co-bhanntachd sam bith.

Aig toiseach na h-iomairt seo bha na cunntasan-bheachd ag ràdh nach tachradh a leithid co-dhiù.

Ach air an latha mus tèid an luchd-bhòtaidh do na bosgaichean-baileit chan eil cùisean idir cho soilleir.

Chan urrainn ach an luchd-bhòtaidh fhèin an t-soillearachd sin a thoirt seachad.

Nì iad sin a-màireach.