Dùnadh na Beàrn

  • 6 An t-Ogmhìos 2017

Nuair a thòisich an iomairt seo bha gu leòr anns a' phàrtaidh aige fhèin a bha ag ràdh nach tigeadh Jeremy Corbyn faisg air an taghadh seo a bhuannachadh.

Tha iad gu math sàmhach a-nis.

Thàinig Mgr Corbyn gu Glaschu an t-seachdainn a chaidh gus taic iarraidh airson a' chlàr-ghealltanais a chuir Kezia Dugdale air bhog.

An uair sin, gheall ceannard Albannach a' phàrtaidh gun cuireadh iad an aghaidh an dàrna reifrinn air neo-eisimeileachd.

Lean sin, thuirt i, air prionnsabailean bunaiteach a' phàrtaidh Làbaraich, an dlùth-chomann agus an co-obrachadh.

Cha b' urrainn dhaibh, mar sin, gabhail ri reifreann a dh'adhbhraicheadh sgaradh anns an dùthaich a chaoidh tuilleadh.

Sabaid

Le sin, tha Ms Dugdale a' dol nas fhaide fiù 's na Theresa May a thuirt nach b' e seo an t-am airson a leithid de bhòt, a' fàgail an dorais fosgailte airson dàrna reifrinn anns an àm ri teachd.

Tha na Làbaraich na Tòraidhean agus na Lib Deamaich uile a' sabaid eadar cach a chèile airson taic luchd an Aonaidh aig an taghadh seo.

Ach tha dùbhlan eile ro na Làbaraich anns na làithean a tha air fhàgail den iomairt seo, agus às a dèidh.

Sin gun do bhòt tòrr de na daoine air a bheil na polasaidhean eile aca ag amas airson na neo-eisimeileachd ann an 2014.

Tha am pàrtaidh airson is gun tèid goireasan leithid Rèile na h-Alba agus a' Phuist Rìoghail a chur air ais fo smachd na roinne poblaiche.

Chuireadh iad an dà chuid am bun-tuarasdail agus a' chìs chorporra suas cuideachd.

Cruaidheas

Chòrdadh polasaidhean den t-seòrsa sin ri luchd-taic traidiseanta a' phàrtaidh Làbaraich.

A bheil a' chuid sin air an trèigsinn mar-thà?

Agus an tèid luchd taic an Aonaidh nach eil cho fada chun na làimhe clìthe air an cur dheth le Jeremy Corbyn fhèin?

Bhon àrd-ùrlar ann an Glaschu thug Mgr Corbyn slaic air an SNP ag ràdh gun robh an riaghaltas ann an Dùn Èideann a' gabhail ri cruaidh-chas nan Tòraidhean.

Tha sin na bheachd cumanta a-measg na bha an làthair.

Ach is ann bho luchd-bhòtaidh nan Tòraidhean - no co-dhiù bho dhaoine ann am meadhan na sgèile poileataigiche - a dh'fheumas na Làbaraich taic fhaighinn ann an Alba an ath-mhìos.

Moladh

Air Trident, tha am pàrtaidh ann an Alba agus ceannard na Rìoghachd Aonaichte air an aon ràmh.

Ach ged a bu toil leothasan stad a chuir air ùrachadh na h-armachd niùclasaich air Chluaidh, tha am manifesto mu dheas agus mu thuath a' moladh gun tèid air adhart leis.

Thuirt Kezia Dugdale gun do ghabh i ris a chionn 's gu bheil dìon na rìoghachd fo smachd Westminster.

Bha e na dhùbhlan don phàrtaidh Làbarach bho thoiseach na h-iomairt seo na sgaraidhean anns a' phàrtaidh a chur don dàrna taobh.

A-nis, agus na cunntasan-bheachd a' teannachadh, chan eil sin buileach cho doirbh.

An ceann dà latha chì sinn a bheil na cunntasan sin ceart.