Prìs a' phrìomh mhinisteir

  • 6 An t-Ogmhìos 2017

Bha fios o chaidh a ghairm gum biodh dùbhlan ron SNP aig an taghadh seo.

Sin a dh'aindeoin na beàrn a bha ann agus tha ann fhathast eadar pàrtaidh Nicola Sturgeon agus càch anns na cunntasan-bheachd.

Bidh momentum a' cunntadh ann am poilteataigs.

Agus às dèidh mar a fhuair na nàiseantaich 56 suidheachan a-mach à 59 bho chionn dà bhliadhna, bhiodh e gu math doirbh dhaibh dèanamh cho math an turas seo, no fiù 's fuireach far a bheil iad.

O thoiseach na h-iomairt seo tha luchd a' phàrtaidh air a bhith a' cumail a-mach - le ceartas gu leòr - gur am pàrtaidh leis an àireimh as motha de shuidheachain agus bhòtaichean a bhuannaicheas taghadh sam bith.

Ach tha tuigse aca gur e droch latha a bhiodh ann dhaibh nan tuiteadh iad, can, fo 30 suidheachan, ge mòr a' bheàrn a bhiodh ann fhathast eadar an SNP agus an còrr.

Cunnart

Tha clàr-ghealltanais a' phàrtaidh airson an taghaidh seo ag amas air an t-suidheachadh sin a sheachnadh.

Is e an cunnart as motha don SNP aig an taghadh seo gun tig luchd-taic an Aonaidh gus bhòtadh airson a' phàrtaidh as buailtich a' chùis orra.

Mar sin, tha am pàrtaidh a' gealltainn grunn ghnìomhan a chòrdas - tha iad an dòchas - ri luchd-taic nan Làbarach.

Nam measg, tha an SNP a' moladh gun tèid am bun-tuarasdail àrdachadh gu còrr agus £10 ro dheireadh na h-ath-phàrlamaid ann an 2022.

A bharrachd air an sin, tha iad airson àrd-ìre na cìse cosnaidh a chur suas gu 50sg air feadh na Rìoghachd Aonaichte

(Dhiùlt iad sin a dhèanamh ann an Alba a-mhàin, agus i fo smachd na Pàrlamaid Albannaich, agus dragh orra gun cailleadh an riaghaltas airgead).

Teannachadh

Nas bunaitiche na sin tha am plana gus stad a chur air "cruaidheas" nan Tòraidhean, le £118bn not a bharrachd de chosgaisean phoblach anns na còig bliadhnaichean a tha romhainn.

Cuideachd, chuireadh iad taic ri glèidheadh na glaise trì-fhillte air peinseanan agus stad air gearraidhean sochaire.

Mothaichidh sùilean aireach gu bheil tòrr de na polasaidhean seo gu math coltach ris na tha na Làbaraich a' gealltainn.

Gu dearbh, air cùisean leithid oideachais oilthigh, tha Jeremy Corbyn a' sireadh taic ann an Sasainn airson polasaidhean a tha ann mu thuath mar-thà.

Leis na cunntasan-bheachd a' teannachadh, tha aire air na dh'fhaodadh tachairt às dèidh an taghaidh mura faigh Theresa May a' mhòr-chuid a tha i ag iarraidh.

Am b' urrainn, mar sin, don dà phàrtaidh obrachadh còmhla?

Creideasach

Cha bhiodh sin furasta.

Anns a' chiad dol a-mach, tha Nicola Sturgeon air a ràdh mar-thà nach eil Mgr Corbyn na thagraiche creideasach airson dreuchd a' phrìomhaire.

Cha robh dùil aig toiseach na h-iomairt gum faigheadh e faisg air Àireamh a Deich ach leis a' bheàrn a' dùnadh eadar na Làbaraich agus na Tòraidhean mu dheas, tha an t-uallach air Nicola Sturgeon ciamar a chuireadh i na polasaidhean anns a' mhanifesto aice an gnìomh.

Dhearbh i nach tèid an SNP a-steach don riaghaltas ach dh'fhaodadh iad taic a chur ri riaghaltas Làbarach bhòt seach bhòt.

A dh'aindeoin aigheachd a' phàrtaidh ann an Alba, is dòcha gun canadh Mgr Corbyn gun robh reifreann eile air an neo-eisimeileachd na prìs a bha e deònach pàigheadh.

Roimhe sin, ge-tà, feumaidh muinntir na dùthcha bhòtadh Diardaoin.