Dealbh-E ga sgaoileadh às dèidh oidhirp mhèirle

  • 6 An t-Ogmhìos 2017
Dealbh aithneachaidh eileagtronaigeach Image copyright Poileas Alba

Tha na poileis air dealbh aithneachaidh eileagtronaigeach a sgaoileadh de dh'fhireannach a tha iad a' sireadh an co-cheangail ri ionnsaigh agus oidhirp mhèirle aig ionad-stòraidh guail an Inbhir Nis.

Thachair sin air Rathad an Longman air 11mh den Fhaoilleach am bliadhna.

Thathar ag aithris gu bheil am fireannach eadar 6 troighean a dh'àirde agus 6 troigh is 4 oirleach agus gun robh seacaid dhubh dìonach agus ad dubh air.

Thuirt Poileas Alba gun robhar ag aithris gun robh blas bho thall thairis air a chainnt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile