Planntrais cainb ga lorg ann an Gallaibh

  • 6 An t-Ogmhìos 2017

Tha dùil gun nochd fireannach, aois 31 bliadhna, sa chuirt Dimàirt an co-cheangal ri mar a chaidh planntrais cainb a lorg ann an Gallaibh.

Fhuair oifigearan luach còrr is £9000 not den droga às dèidh rèid air taigh ann an Inbhir Ùige.

Chaidh còrr is £1000 de dh'airgead a lorg cuideachd.

Agus chaidh 14 coin a chuir fo churam an SSPCA.