Hannah is Minnaar soirbheachail sa Ghearasdan

  • 6 An t-Ogmhìos 2017
Fort William Mountain Bike World Cup Cuach na Cruinn son Baighsagalan Beinne sa Ghearasdan Image copyright Paul Campbell
Image caption Bhuannaich Greg Minnaar à Afraga a Deas rèis nam fear son an 7mh turas.

'S iad Tracey Hannah as Astràlia, agus Greg Minnaar as Afriga a' Deas a bhuanaich Farpais Rothaireachd na Cruinne anns a' Ghearasdan thar an deireadh-sheachdain.

Thug uisge throm Disathairne buaidh air a chùrsa, ach cha d' thug e cus buaidh air am 20,000 neach a chunnaic na thachair air cliathaich an Aonaich Mhòir.

Às-dèidh ceò, sgleò agus uisge, thog an aimisir Didòmhnaich gus na mìlltean a bha coimhead na farpais mòire san Gearrasdan a' chumail toilichte.

Ach thug e buaidh fhathast air am farpais.

Bha mòran den bheachd gur i Rachel Atherton a thogadh an tiotal, ach cha d' fhuair i fiù gu toiseach na cuairt deireannaich.

Leis an doras fosgailte, 's i Tracey Hannah a' leum a-steach dhan phrìomh àite air a' phòideam , còrr air 10 diogan nas luaithe na càch.

Cha robh a' bhearn idir cho mòr am farpais nam fear ge-tà - beagan nas lugha na 3 diogan eadar Jack Moir agus am fear a bhuanaich Greg Minnard.