Planaichean 'son tuath-gaoithe gan diùltadh

  • 6 An t-Ogmhìos 2017
Crann gaoithe Image copyright Reuters

Dhiùlt Riaghaltas na h-Alba cead a thoirt do thuath-gaoithe faisg air Loch Nis.

Thuirt am fear a sgrìobh an aithisg gun toireadh e ''fìor dhroch bhuaidh'' air an sgìre.

An-uiridh dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd cead dealbhachaidh a thoirt dhan phròiseact ann an Gleann Urchadain.

Bhiodh 13 cruinn-ghaoithe na chois a bhiodh còrr 's 120 meatair a dh'àirde.

Droch bhuaidh

Ach rinn na companaidhean air cul a' phròiseict, Force 9 agus EDF Energy, tagradh an aghaidh a' cho-dhùnaidh aca.

Dh'inns Riaghaltas na h-Alba Diluain nach tèid am pròiseact seo air adhart.

Thuirt am fear a bha a' rannsachadh an ath-thagraidh gun toireadh na cruinn àrda droch bhuaidh air an àite.

Chaidh iomradh a thiort cuideachd gum biodh iad ri fhaichinn bho làraich eachdraidheil, làraich bho linn an umha.

Chuir buidhnean strì fàilte air a' cho-dhùnadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile