A' Ghàidhlig "a' call inbhe"

  • 5 An t-Ogmhìos 2017
Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Lùghdaich Comhairle na Gàidhealtachd na còig comataidhean aca gu dìreach trì.

Thuirt a' bhuidheann rannsachaidh Gàidhlig Soillse gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd am impis an cànan a chuir air falach agus iad a' bruidhinn air atharrachadh ann an comataidhean na comhairle.

Fo structar ùr nan comataidhean, cha bhith comataidh fa-leth ann dhan Ghàidhlig.

Thuirt Soillse gur e co-dhùnadh "tàmailteach" a bha seo bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Dh'aontaich comhairlichean trì comataidhean mòra a chruthachadh seach na còig a bh' ann, 's iad ag ràdh gun robh na comataidhean a' cosg cus.

Thèid a' Ghàidhlig agus gnothaichean ceangailte rithe a dheasbad ann an Comataidh an t-Sluaigh, a tha a' gabhail a-steach foghlaim.

Thuirt Iain Caimbeul, Manaidsear Sgaoilidh Eòlais agus Com-pàirteachaidh Phoblaich aig Soillse, gur e ceum air ais a bh' anns a' cho-dhùnadh sa.

Tha Hamish Friseal, a bha roimhe na chomhairliche agus na chathraiche air Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, ag ràdh gu bheil a' Ghàidhlig "a' call inbhe ri linn an atharrachaidh.

Stiùireadh

"Tha a' Chomhairle air an dèidh a bhith a' dèanamh obair mhòir agus obair mhath anns na bliadhnaichean a tha an dèidh a dhol seachad timcheall air Gàidhlig," thuirt Mgr Friseal.

"Ma tha e air a shluigeadh suas ann an comataidh mhòir, bidh e gu math duilich dhan Ghàidhlig aig a' Chomhairle.

"Feumaidh a' Chomhairle a bhith gu math faiceallach, agus feumaidh iad a chumail an cuimhne gum feum a' Ghàidhlig an aon spèis fhaighinn 's a gheibh rud sam bith eile taobh a-staigh na Comhairle.

Foghlam

Tha an Comh. Alasdair MacFhionghain, ge-tà, a' dol às àicheadh gu bheil crìonadh agus dìmeas air a' chànan air taobh a-staigh na Comhairle.

"Tha mise den bheachd gum bi Comataidh na Gàidhlig a' suidhe nas fheàrr ann am bòrd foghlaim," thuirt e.

"Tha mi den bheachd gum bi e nas fheàrr a bhith a' bruidhinn aig Comataidh an Fhoghlaim airson rudan ann an Gàidhlig.

"Chan eil mi ag aontachadh gu bheil dìmeas ga dhèanamh air a' chànan idir.

"Tha mise an dòchas gun obraich seo, ach air a' cheann thall bidh sinn a' coimhead air, agus mura h-eil e ag obrachadh feumaidh sinn sùil eile a thoirt air.

"'S e rud uabhasach cudromach a th' anns a' Ghàidhlig, agus tha mise den bheachd, ann am bòrd an fhoghlaim, gum bi i nas cudromaiche 's gum bi seo ag obrachadh nas fheàrr," thuirt e.

Maith na Gàidhlig

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gun obraich iad còmhla ris a' Chomhairle fon structar ùr.

"Tha Bòrd na Gaidhlig ag aithneachadh na h-obrach a tha Comhairle na Gàidhealtachd air a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean airson maith na Gàidhlig aig ìre ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

"Tha am Bòrd gu bhith a' cumail oirnn ag obair còmhla ris a' Chomhairle airson dèanamh cinnteach gum bi taic airson na Gàidhlig a' leantainn leis a' Chòmhairle ùir ann an sgìre na Gàidhealtachd.

"Leis an structar ùr, tha cothromanan ann do na comhairlichean gum bi iad mothachail air a' bhuaidh, math no dona, a bhios air a' Ghàidhlig sna co-dhùnaidhean a tha iad a' dèanamh, agus gur ann airson maith na Gàidhlig a bhios iad ag obair."