Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannarc

Tha am Prìomhaire, Theresa May ag ràdh gum fuirich ìre tèarainteachd na dùthcha aig "severe" às dèidh na h-ionnsaigh ann an Lunainn oidhche Shathairne. Bha i a' bruidhinn às dèidh coinneamh de chomataidh Èiginneach an Riaghaltais, Cobra. Thathas a' tuigsinn gun aithne dha na h-ùghdarrasan cò iad an triùir a bh' air cùl na h-ionnsaigh ged nach eil iad air an ainmeachadh fhathast. Thathas air a' chiad duine a chaochail ann ainmeachadh - Christine Archibald à Canada, a bha na h-obraiche soisealta agus a bha deich bliadhna fichead a dh'aois.

Lunainn

Tha poileas ag ràdh gu bheil iad air mòran fianais foireansaig a chruinneachadh às dèidh na h-ionnsaigh cheannairc ann an Lunainn oidhche Shathairne. Chaochail seachdnar nuair a chaidh daoine a leagail le bhan air Drochaid Lunainn mus tug triùir fhireannach ionnsaighean sgithinn air daoine. Tha aon duine deug an greim às dèidh rèidean aig an deireadh sheachdainn, 's chaidh grunn eile a chur an greim an-diugh. Chaidh an triùir a rinn an ionnsaigh a mharbhadh le oifigearan poilis armaichte mu ochd mionaidean às dèidh dhan a bhrath èiginn a thighinn a-steach.

Eilidh Nicleòid

Theid Eilidh Nicleòid, an deugaire à Barraigh a dh'eug anns an ionnsaigh cheannairc ann am Manchester bho chionn cola-deug, a thiodhlaigeadh an-diugh. Tha aifreann an tiodhlaigidh ann an Eaglais Reul na Mara ann am Bàgh a' Chaisteil an-dràsta. Thuirt a pàrantan gun tug Eilidh buaidh air a h-uile duine ris an do choinnich i, 's gum bi cuimhne aca gu sìorraidh oirre mar nighean og, bhoidheach. Thèid a tiodhlaigeadh ann am Bhatarsaigh, eilean a h-àrach.

A' Ghàidhlig

Tha a' bhuidheann rannsachaidh Soillse ag ràdh gur e ceum air ais a th'ann gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' cur gnothaichean na Gàidhlig an luib Comataidh an t-Sluaigh ann an crathadh air structar an ùghdarrais. Thuirt iad gu bheil a' Chomhairle an impis a' Ghàidhlig a chur am falach leis an structar ùr. Chaidh an comhairliche Alasdair MacFhionghain às àicheadh ron a seo gun robh a' Ghaidhlig a' call inbhe sa Chomhairle, 's gun deigheadh sùil a thoirt air cuisean mur a robh e ag obrachadh.

Cumachd ath-nuadhachail

Tha buidhnean àrainneachd ag ràdh gun robh "mìos iongantach eile" aig cumhachd ath-nuadhachail an Alba sa Chèitean. Thàinig dealain gu leor airson 95% de dhachaighean na h-Alba bho thuathan gaoithe a-mhain. Rinn WWF Alba sgrùdadh air data bhon bhuidheann WeatherEnergy. Fhuair iad cuideachd gun robh dachaighean le panalan grèine ann an cuid de sgìrean air gu leòr cumhachd a dhèanamh airson feumalachdan dachaigh san fharsaingeachd.

Cuatàr

Tha sia dùthchannan Arabach air ceanglaichean dioplòmasach a ghearradh le Cuatàr, ag ràdh gu bheil iad a' fàgail na sgìre cugallach. Tha Saudi Arabia agus an Èipheit am-measg na tha a' fàgail air Cuatàr gu bheil iad a' cur taic ri buidhnean leithid an fheadhainn a tha a' gabhail Stait Islamach orra fhèin agus Al Qaeda. Tha Cuatàr a' dol às àicheadh sin ag ràdh nach eil stàidh sam bith aige anns an fhìrinn.