Droch là do sgiobaidhean nan Eilean Siar

  • 5 An t-Ogmhìos 2017
Nis
Image caption Chaill Nis air breaban peanais ri Hill Rovers às deidh geama iongantach a chrìochnaich 6-6 às deidh ùine a bharrachd.

Chan eil ach aon sgioba bho na h-Eileanan an Iar air fhàgail ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd às deidh geamannan na deireadh sheachdain.

Rinn Saints an Iochdair a chùis air Kirkwall Hotspur 5-3 aig an taigh gus faighinn troimhe chun treas cuairt.

Cluichidh na h-Uibhistich a-nise an aghaidh Staxigoe Utd.

Se droch là a bh' ann dha na còig sgiobaidhean eile bho na h-Eileanan an Iar ge-ta.

A-mach

Bha an geama eadar Càrlabhagh agus Abhach gu math teann agus bha coltas ann gum biodh feum air ùine a bharrachd is e a fàiligeadh air sgioba seach sgioba tadhal fhaighinn.

Le dìreach trì mionaidean air fhàgail ge-tà, fhuair Niall Docherty an tadhal a bhuannaich an geama do dh'Abhach 's chaidh Càrlabhagh a-mach às an fharpais.

Bha geama iongantach dha-rìreabh eadar Nis agus Hill Rovers ann an Inbhir Nis.

Às deidh dhan gheama crìochnachadh 4-4, chaidh iad gu ùine a bharrachd far an do ghluais Nis 6-5 air thoiseach.

Iongantach

Ach le dìreach diogan air fhàgail air a ghleoc, leag fear de chluichedairean Nis fear bho na Rovers anns a' bhocsa a'toirt seachad breab-peanais.

Fhuair fear-glèidhidh Nis a làmh air a' bhalla, ach cha b'urrainn dha a chumail a-mach. Shèid an rèitire fhìdeaig airson làn-ùine cho luath 's a bhuail am balla cùl an lìn.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Tormod "Taz" Moireasdan a' sgòradh do Hill Rovers anns na breaban peanais
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Fear-glèidhidh Hill Rovers a' sàbhaladh a bhreab-pheanais a bhuannaich an geam dhaibh.

Rinn Hill Rovers a chùis 3-2 air breaban peanais.

Ann an geama a chaidh air ais agus air adhart eadar an dà sgioba, rinn Baile Màiri a chùis air an Rubha 3-2 ann an Garrabost.

Chaill Athletic Steòrnabhaigh 6-1 ri Rendall agus chaill Beinn nam Faoghla gu dona cuideachd, le ANM Ace a dèanamh a chùis orra 6-0.

Chaidh Caol Àcainn cuideachd a chur a-mach às an fharpais 's iad a call 2-1 ri Tom Àitinn.

Cupa Amaitearachd na Gàidhealtachd - An Treas Cuairt

Rendall v NMM Sams

IRN Security v Hill Rovers

Tom Aitinn v Cùl Bhàicidh

Abhach v ANM Ace

Lairg Rovers v Pentland Utd

Lybster v Kirwall Thorfinn

Saints an Iochdair v Staxigoe Utd

Brora W v Baile Màiri