Obair leasachaidh air an Screen Machine

  • 5 An t-Ogmhìos 2017
Screen Machine Image copyright Regional Screen Scotland

Tha an Screen Machine air ais air an rathad as dèidh obair leasachaidh gu math susbainteach.

Bidh an carbad, aig Scrion Sgìreil Alba, a' siubhal air feadh sgìre na Gàidhealtachd a' sealltainn fiolmaichean ann an taigh dhealbh sònraichte.

Tha an HGV, anns a bheil 80 cathair, air a bhith air a chleachdadh cha mhòr fad na h-ùine bho chaidh fhosgladh an toiseach ann an 2005.

Chaidh an obair às ùr a dhèanamh air anns an Fhràing, far an deach an làraidh a thogail an toiseach.

Tha a' chuairt às ùire aig an Screen machine a' tòiseachadh ann an Arainn an t-seachdain sa.

Bidh an làraidh an uairsin a' tadhal air 30 coimhearsnachd eile ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd thairis air 10 seachdainnean.

Thuirt Raibeart Mac Dhun Lèibhe, stiùiriche Scrion Sgìreil Alba gu bheil an leasachadh mòr sa a' ciallachadh gum faodar an Screen Machine a chleachdadh airson iomadach bliadhna a th' air thoiseach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile