Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dòmhnall Trump

Tha dùthchannan air feadh an t-saoghail air a bhith a' càineadh co-dhùnadh Cheann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte tarraing a-mach à Còrdadh Pharis air Atharrachadh na Sìde. Chaidh an co-dhùnadh cuideachd a dhubh-chàineadh le mòran luchd-gnothaich agus luchd-poileataigs nan Stàitean Aonaichte fhèin. Tha Mgr Trump den bheachd gu bheil an aonta, a tha ag amas air stad a chur air blàthachadh na Cruinne, ro chruaidh air na Stàitean Aonaichte. Thuirt Ceannard a' Choimisein Eòrpaich, Jean-Claude Junker, gun robh an t-Aonadh Eòrpach agus Sìona le chèile den bheachd nach b' urrainn an cùl idir a chur ris an aonta.

Iomairt an Taghaidh Choitchinn

Thuirt am Prìomh Mhinistear nach iarradh i an SNP a bhith mar phàirt de riaghaltas cho-bhanntachd ma 's e agus gum biodh pàrlamaid chrochte an dèidh an Taghaidh. Aig a' cheart-àm ge-tà, thuirt Nicola Sturgeon gum biodh farsainneachd phàrtaidhean còmhla mar dhùbhlannaich a' tabhainn roghainn eile seach riaghaltas Tòraidheach, agus gum faodadh gum biodh an SNP na phàirt chudromach den sin. Thuirt Kezia Dugdale, Ceannard Albannach nan Làbarach, nach eil Jeremy Corbyn deònach a bhith ag obair cuide ris na Nàiseantaich.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha an comhairliche Gàidhealach, Alasdair MacFhionghain, air a dhol às àicheadh gu bheil a' Ghàidhlig "air inbhe a chall" aig Comhairle na Gàidhealtachd, seach nach bi comataidh Ghàidhlig fa-leth aca tuilleadh. Nochd am beachd bho fhear a bha roimhe na chomhairliche, agus na chathraiche air Comataidh na Gàidhlig, Hamish Friseal. Thuirt an Comh. MacFhionghain, gun robh feum air siostam nas èifeachdaiche.

Dotairean-teaghlaich

Tha còrr is cairteal de dh'ionadan GP na h-Alba gann de dhotair, a rèir àireamhan ùra a fhuair am BBC. Thuirt Comann Meidigeach Bhreatainn gur e glè bheag de dh'atharrachadh a thàinig air dreuchdan bàna, ged a chaidh iomairt fastaidh fhoillseachadh as t-Samhradh an-uiridh le Riaghaltas na h-Alba.

Na h-Eileanan Filipineach

Thuirt na Poilis anns na Philipines nach robh gnothach aig ceannairc ri ionnsaigh anns an do bhàsaich 35 duine. Thug fear le gunna ionnsaigh air casino ann am Manila na bu tràithe an-diugh. Thuirt na Poilis gur e oidhirp air mèirle a bha sa chùis. Tha e air aithris gun deach mòran de na chaidh a mharbhadh a thachdadh le ceò air an anail, an dèidh dhan duine an togalach a chur na theine.

Eilidh NicLeòid

Thèid Eilidh NicLeòid, an deugaire à Barraigh a chaill a beatha ann an ionnsaigh cheannairc Mhanchester, a thiodhlacadh Diluain. Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air seòlaidhean a bharrachd a Bharraigh à Èirisgeigh agus às an Òban a chur air dòigh eadar Didòmhnaich agus Dimàirt, agus dùil gum bi mòran airson a dhol chun an tiodhlacaidh.