Tòradh Eilidh NicLeòid

  • 5 An t-Ogmhìos 2017
Eilidh NicLeòid

Chruinnich suas ri 900 duine ann am Bàgh a' Chaisteil airson aifreann an tòraidh aig Eilidh NicLeòid.

Chaill an deugaire a beatha ann an spreadhadh ceannairc ann an Arena Mhanchester bho chionn cola-deug.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Tòrradh Eilidh NicLeòid

Chaidh an aifrean a chumail ann an Eaglais Reul na Mara ann am Bàgh a' Chaisteil fhèin.

Anns an eaglais sheas grand uncail Eilidh, Dòmhnall Manford, agus rinn e luaidh air na tàlantan aice mar neach-ciùil agus pìobaire.

Image copyright PA
Image caption Càirdean Eilidh air an rathad dhan eaglais leis a' chiste.

Thuirt e gur e nighean le nàdar blath, sona a bh' innte agus na caraid coibhneil agus sunndach.

Chuimhnich e cuideachd air caraid Eilidh, Laura Nic an t-Saoir, a tha fhathast a' faighinn leigheis san ospadal ann am Manchester.

Thuirt sagart na paraiste, an t-Athair Iain Pòl MacFhionghuin gun robh Eilidh air tòrr a dhèanamh ann am beatha cho goirid.

Chaidh Eilidh a thiodhlaigeadh ann am Bhatarsaigh, far an do chuir i seachad dusan bliadhna de a beatha.

Chur an t-Àrd Inspeactar, Poileis Mhanchester, Ian Hopkins agus Mèar Mhanchester, Andy Burnham, flìuraichean dhan eilean.

Image copyright PA
Image caption Chur neach-poileis bho Phoileas na h-Alba flìuraichean bho Phoileas Mhanchster aig doras na h-eaglaise ann am Bàgh a' Chaisteil.

Anns an teachdaireachd aca, thuirt iad gum biodh i ann an cridhe agus smuaintean poileis agus sluagh Mhanchester.

Bha ministearan bho riaghaltas na h-Alba, an Leas Prìomh Mhinistear, Iain Swinney, Humza Yousaf BPA, agus ball nan Eilean Siar, Alasdair Allan uile an làthair aig an t-seirbheis.

'S e tiodhlaigeadh Eilidh a' chiad fhear dha an 22 a chaidh a' mharbhadh anns an ionnsaigh.