Cead ga iarraidh airson seòmar-stiùiridh Inbhir Nis a dhùnadh

  • 2 An t-Ogmhìos 2017
Seòmar-stiùiridh Image copyright Thinkstock

Dh'fhaodadh gun tèid cead a thoirt seòmar-stiùiridh nam Poileas ann an Inbhir Nis a dhùnadh gu tur anns an Lùnastal.

Dheadh uallach dhleastanasan an t-seòmair, a tha a' frithealadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a ghluasad gu Dùn Deagh.

Bha dùil gun deadh an t-seòmar-stiùiridh a dhùnadh roimhe seo, ach chaidh dàil a chur air an sin le Àrd-Neach-Sgrùdaidh na Bàn-rìghinn airson nam Poileas.

Dhearbh a' bhuidheann gun robh laigsean aig na Poilis ann a bhith a' dèiligeadh le gairmean fòna, an dèidh mar a thug e trì là dhaibh tadhal air tubaist-rathaid mhairbhteach ann an 2015.

Thèid aithisg a dh'iarras cead seòmar Inbhir Nis a dhùnadh a chur gu Ùghdarras Poilis na h-Alba aig coinneimh ann an Inbhir Nis san Lùnastal.

Cho-dhùin Poilis na h-Alba gum bu chòir cuid de na deich seòmraichean-stiùiridh a dhùnadh gus cosgaisean agus àireamh luchd-obrach a ghearradh.

Thog cuid draghan gun caillear eòlas ionadail ri linn agus gun tachradh mearachdan.

Dhùin seòmar-stiùiridh ann an Obar Dheathain aig toiseach a' Ghiblein, le dleastanasan an t-seòmair sin cuideachd gan gluasad gu Dùn Dè.