Luchd-obrach Àranais a' sireadh àite-fuirich

  • 2 An t-Ogmhìos 2017
Àranais Image copyright Beatrice Offshore Windfarm Limited (BOWL)

Nochd gearan bhon fheadhainn a tha a' ruith Gàrradh Àranais ann an Leòdhas mu ghainnead àiteachan-fuirich dhan luchd-obrach aca.

Tha BiFab ag obair air acfhainn dha tuath-gaoithe Bheatrice, ann an Linne Mhoireibh, fo chùmhnant luach còrr is £2m.

B' fheudar dhaibh luchd-obrach a thoirt à Tìr-Mòr airson cuid den obair a dhèanamh, ach tha iad ag ràdh gu bheil e a' failleachadh orra àite-fuirich fhaighinn dhaibh air fad.

Tha còrr is 100 duine ag obair anns a' ghàrradh an-dràsta, le mu chairteal dhiubh sin à Tìr-Mòr.

Ach, tha duilgheadas air nochdadh - chan fhaighear àite-fuirich air an eilean leis cho trang 's a tha cùisean a' fàs le luchd-turais, co-dhiù àiteachan aig cosgais reusanta.

Thathas a-nis ag iarraidh air duine sam bith air an eilean aig a bheil rùm, fios a chur air a' chompanaidh.

Thuirt manaidsear a' ghàrraidh, Niall Caimbeul, mura tig fuasgladh, gum faodadh an suidheachadh a bhith na thrioblaid do dh'Àranais.

Thuirt e, mar eisimpleir, gur dòcha gum feumar coimhead ri obair an t-Samhraidh a ghearradh air ais, agus gun toireadh sin droch bhuaidh air na cùmhnantan a b' urrainn dhaibh a choileanadh agus a dhol às dèidh.