A' sganadh stoc
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Tuathanaich is croitearan a' dèanamh feum de dh'uidheamachd mheidigeach

1 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mar is tric, 's ann ann an ospadalan a chithear innealan sganaidh CT. Ach tha an uidheamachd mheidigeach a-nis a' fàs nas cumanta ann an obair thuathanachais. Chruthaich Colaiste Dhùthchail na h-Alba sganair bho chionn beagan bhliadhnaichean airson gum biodh dòigh ann na caoraich as fheàrr airson briodachadh a chomharrachadh. Tha a' cholaiste a-nis air sganair ùr a chruthachadh a ghabhas a ghluasad air feadh na dùthcha - a' ciallachachadh gum bi e nas fhasa do thuathanaich agus croitearan a chleachdadh. Tha tuilleadh aig Seonaidh MacCoinnich.