Sganaichean CT gus stoc chaorach na h-Alba a 'leasachadh'

  • 1 An t-Ogmhìos 2017
Sganair CT gluasadach

Tha sganair CT meidigeach ga chleachdadh airson na caoraich as fheàrr airson briodadh a chomharrachadh.

Bheir an uidheamachd taic do thuathanaich agus croitearan le bhith a' measadh falaineachd agus inbhe nam beathaichean.

Tha Colaiste Dhùthchail na h-Alba, an SRUC, an dòchas gun cuidich an sganair gluasadach ùr gus stoc chaorach na h-Alba a leasachadh.

Cruthaichidh an sganair dealbhan a sheallas cumadh nam fèithean agus an ìre de gheir taobh a-staigh nam beathaichean, am measg eile.

Faodar an sganair ùr a ghluasad air feadh na dùthcha, rud a dh'fhaodadh a bhith gu sònraichte feumail do dhaoine sna sgìrean as iomallaiche air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Cosgaidh e eadar £60-90 airson gach beathaich, a rèir càite a bheil thu, agus tha taic-airgid ri fhaotainn airson na seirbheis.

'S e seo a' chiad sganair CT gluasadach a bh' aig an SRUC airson caoraich a mheasadh. Roimhe seo, b' fheudar do thuathanaich na beathaichean aca a thoirt a Dhùn Èideann.

Thuirt an Dr Nicola Lambe, bhon SRUC: "'S e an aon sheòrsa sganair a th' ann 's a gheibheadh tu ann an ospadal, agus 's ann airson gnothaichean meidigeach as trice a thathas ga chleachdadh.

"Ach tha sinne ga chleachdadh airson sganadh CT air caoraich.

"Tha e inntinneach gu bheil e comasach dhuinn sùil a thoirt air na diofar stuthan-bodhaig agus buill-bhodhaig.

"Faodaidh sinne a chleachdadh gus na beathaichean as fheàrr airson briodadh a thaghadh."

Tha cuid a bhios a' briodadh chaorach mar-thà air an sganair gluasadach a chleachdadh gus an cuid bheathaichean as fheàrr a chomharrachadh.