Cunnart gun tèid Comann Ìleach Ghlaschu à bith

  • 1 An t-Ogmhìos 2017
Comann Ìleach Ghlaschu Image copyright Comann Ìleach Ghlaschu

An dèidh còrr is 150 bliadhna, tha cunnart ann gun tèid Comann Ìleach Ghlaschu à bith, mura tig buill ùra air comataidh na buidhne.

Sin an rabhadh a tha ga thoirt seachad air thoiseach air coinneamh bhliadhnail a' chomainn, a thèid a chumail ann am Partaig oidhche Ardaoin.

Thuirt Uisdean Mac a' Ghobhainn, a b' àbhaist a bhith na cheann-suidhe air a' chomann, gu bheil duilgheadas aig a' chomataidh am-bliadhna buill ùra a lorg.

"Bha daoine òga aca anns a' bhliadhna mu dheireadh ach tha iadsan, a' chuid mhòr dhiubh, air gluasad gu àiteachan eile agus tha seo a' toirt duilgheadas dhan chomataidh.

"Tha cunnart ann gum feumar stad a chur air Comann Ìleach Ghlaschu agus bhiodh sin duilich, a chionn bha an comann ann agus ag obair airson Ìlich Ghlaschu thar 150 bliadhna," thuirt e.

Thathar gu h-àraidh ag amas air daoine òga aig a bheil barailean is beachdan ùra, rud a tha cudromach am beachd Mhgr Mhic a' Ghobhainn.

"Ann an iomadach dòigh, tha na comataidhean sin, 's e daoine a tha gu math aosta a tha orra agus, le sin, tha na comainn caran traidiseanta nan dòigh.

"Chan eil sin a' cuideachadh na cùise, tha mi smaointinn," thuirt e.

Thèid a' choinneamh bhliadhnail a chumail oidhche Ardaoin ann an Talla Phartaig ann an Glaschu, aig 7:00f.