Cruinneachadh 'Caoraich na Gàidhealtachd'
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cruinneachadh 'Caoraich na Gàidhealtachd'

1 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chruinnich na ceudan dhaoine aig tuathannas faisg air Srath Pheothair air Ghàidhealtachd Diciadain airson tachartas ris an canar "Caoraich na Gàidhealtachd."

Tha an tachartas ga chuir air dòigh gach dàrna bliadhna le Comann Chaorach na h-Alba.

Bha tuathannaich agus croitearan a' beachdachadh air buaidh poileataigs air a' ghnìomhachas agus bha an aire cuideachd air leasachaidhean ann an obair-àiteachais.