Trioblaid cur gheall am ball-coise
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Trioblaidean cur gheall am ball-coise

1 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha trioblaid ann a tha, a rèir choltais, a' sgaoileadh ann am ball-coise na h-Alba - 's e a bhith a' cur gheall.

Chan eil e idir ceadaichte do dhuine sam bith co-cheangailte ri ball-coise proifeiseanta ann an Alba a bhith a' cur gheall air an spòrs.

Ach 's iomadh turas tron t-seasan a chaidh cluicheadairean agus stiùirichean cluba a pheanasachadh airson a bhith a' dèanamh an dearbh rud.

A bheil an trioblaid a' fàs nas miosa?

Fhuair Calum Dòmhnallach beachd thriùir a tha mìon-eòlach air ball-coise na h-Alba.