Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iomairt an Taghaidh Choitchinn

Iarraidh Theresa May air luchd-bhòtaidh taic a chur ri iomairt mhòir nàiseanta airson Breatainn a dhèanamh nas làidire, nas cothromaiche agus nas soirbheachaile an dèidh an EU fhàgail. Bheir i òraid seachad an taobh an ear-thuath Shasainn an-diugh a bheir iomradh air na tha fa-near dhan dùthaich an dèidh Bhrexit. Rinn ceannardan nam prìomh phàrtaidhean poileataigeach eile càineadh air a' Phrìomhaire an dèidh mar a dhiùlt i pàirt a ghabhail ann an deasbad telebhisein a' BhBC a chaidh a chraoladh an-raoir.

Tha ceannardan nam pàrtaidhean poileataigeach ann an Alba a' leantainn le iomairt an taghaidh an-diugh. Canaidh Nicola Sturgeon gu bheil "roghainn follaiseach" mu choinneimh an luchd-bhòtaidh - an SNP a bheir guth làidir do dh'Alba, no na Tòraidhean, a chumadh Alba sàmhach. Iarraidh Kezia Dugdale, ceannard Albannach nan Làbarach, gun dean Nicola Sturgeon a "dleastanas na h-obair làitheil", le sùil gu sònraichte air sgoiltean agus ospadalan. Tha Uilleam Rennie, ceannard Albannach nan Lib-Deamach, air chuairt anns na sgìrean far a bheilear an dòchas seataichean fhaighinn bhon SNP. Bidh Ruth Davidson, ceannard nan Tòraidhean an Alba, a' daingneachadh cho mòr 's a thathas an aghaidh referendum eile air neo-eisimeileachd na h-Alba.

Blàthachadh na Cruinne

Cha tig aonta mu bhith a' strì an aghaidh bhlàthachadh na Cruinne às a chèile fiù 's ged a chuireadh na Stàitean Aonaichte an cùl ris. Sin a rèir oifigich aig àrd-ìre anns na Dùthchannan Aonaichte. Thuirt Eric Solheim nach biodh buaidh cho mòr sin ann ri linn agus gu bheil Sìona, na h-Ìnnseachan agus an t-Aonadh Eòrpach a' cur taic ris an aonta agus ga ghluasad air adhart. Innsidh an Ceann-Suidhe Trump feasgar a bheil, no nach eil, na Stàitean Aonaichte a' dol a chumail ri Aonta Pharis air a' chùis.

Afganastan

Thuirt oifigich ann an Afganastan gun deach saighdear a mharbhadh agus sianar a leòn ann an ionnsaigh fèin-mhairbhtich ann an càr aig ionad-sgrùdaidh tèarainteachd ann an Jalalabad. Tha seo a' tighinn an dèidh boma a spreadhadh ann am prìomh bhaile na dùthcha, Kabul, an-dè, anns an deach 90 duine a mharbhadh 's na ceudan eile a ghoirteachadh.