Manifesto UKIP na h-Alba

  • 1 An t-Ogmhìos 2017
Dàibhidh Coburn Image copyright UKIP Scotland
Image caption Dh'fhoillsich Dàibhidh Coburn manifesto UKIP na h-Alba ann an Dùn Èideann.

Dh'fhoillsich UKIP na h-Alba am manifesto aca airson an Taghaidh Choitchinn, 's iad a' gealltainn gun dèan iad cinnteach gum fàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach.

Tha am pàrtaidh a' cur air adhart deichnear thagraichean air feadh na h-Alba air an 8mh là den Ògmhios.

A' bruidhinn aig an fhoillseachadh ann an Dùn Èideann, thuirt ceannard a' phàrtaidh, Dàibhidh Coburn, gur iad UKIP an aon phàrtaidh a bheireadh dùbhlan dha-rìribh don SNP, agus "a ghearradh a h-uile bann" ri "dìneasar" an EU.

Bhruidhinn e cuideachd an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba, a' cur a thaic ri "Alba làidir am broinn Rìoghachd Aonaichte làidir".

'S e prìomh amas a' mhanifesto, fàs eaconamach - rud, a rèir Mhgr Choburn, nach tachair "fhad 's a mhaireas mì-chinnt mu dhàrna referendum air neo-eisimeileachd".

Tha am manifesto cuideachd ag iarraidh nach bi ìrean cìse na h-Alba càil nas àirde na an còrr den RA. Ma 's ann nas ìsle, 's ann as fheàrr", agus gum bu chòir gum bi poileasaidh "Albannaich a bhrosnachadh gus fuireach an Alba, a bhith a' togail nan gnothachasan aca agus a bhith a' fastadh Albannach eile".

Tha am pàrtaidh cuideachd airson gearradh a thoirt air na tha an RA a' cosg air cobhair do dhùthchannan eile, ag ràdh "'s ann aig an taigh a thòisicheas carthannas", agus a' cur an aghaidh ath-leasachaidhean Tòraidheach air cùram sòisealta, leithid "cìs an dementia" mar a thathas a' gabhail air.

Deuchainnean Bhrexit

Tha am manifesto a' cur a-mach sreath de dheuchainnean gus dèanamh cinnteach "gun cumar casan an Riaghaltais ris an teine" tro chòmhraidhean Bhrexit. Nam measg sin tha gun tig na còmhraidhean gu crìch taobh a-staigh dà bhliadhna, nach bi aonta ionmhais no pàigheadh don EU an dèidh do Bhreatainn fhàgail, gun gabh an RA smachd iomlan uair eile air sgìre mhara 200 mìle a-mach bho na cladaichean, agus "smachd iomlan" air inimrichd.

Tha UKIP na h-Alba cuideachd a' cur an aghaidh sgaoileadh chumhachdan sam bith a bharrachd do Phàrlamaid na h-Alba, ag ràdh gu bheil iad "draghail mu neo-eisimeileachd le mearachd" agus "gun tarraing iad loidhne dearg ro sgaoileadh tuilleadh chumhachdan bho Westminster".

"Feumaidh Alba an t-Aonadh Eòrpach agus a' mhargaid shingilte fhàgail gu tur, le an cuid riaghailtean neo-shùbailte, feadh-Eòrpach, biurocratach a tha a' dèanamh cron air a' chomann-shòisealta ghnìomhachasail.

"Tha na seann phàrtaidhean an Alba deònach gabhail ri leth-briseadh bhon EU, far an tèid reachdas a sparradh oirnn. 'S e UKIP an aon phàrtaidh an Alba a tha ag iarraidh a h-uile bann ris an Aonadh Eòrpach rag, neo-dheamocratach, agus an cumhachdan a thilleadh gu far am buin iad.

"Tha UKIP ag iarraidh Alba làidir am broinn Rìoghachd Aonaichte làidir. Cha ghabh sin dèanamh ach tro bhith ag obair còmhla."