"Gluasad sgiobalta" a dhìth bho oighreachdan seilge

  • 1 An t-Ogmhìos 2017
Iolaire Bhuidhe

Thuirt Comann Rìoghail Dìon nan Eun, (RSPB), gum feum oighreachdan seilge gluasad gu sgiobalta gus dìon a chur air iolairean buidhe.

Tha a' bhuidheann charthannais feargach is sgrùdadh ùr air sealltainn gun do bhàsaich trìan de dh'iolairean buidhe a bhathas a' leantainn le saideal ann an dòigh amharasach.

Chuir Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh air dòigh an-uiridh às dèidh mar a chaidh grunn iolairean a dhìth.

Bhathas a' leantainn còrr is 130 iolaire bhuidhe le teicneòlas saideil.

Chaidh 41 dhuibh a mharbhadh ann an dòigh amharasach.

Bha a' mhòr-chuid dhiubh sin ann an sgìrean far a bheil oighreachdan seilge, feadhainn sa Mhonadh Liath nam measg.

Dh'aidich Comann nan Geamairean gun robh an aithisg doirbh dhaibh, ach thuirt iad gu bheil adhartas ga dhèanamh.

Thuirt an RSPB ge-tà, gun robh buil an sgrùdaidh sgriosail.

Thuirt iad gum feum oighreachdan seilge aideachadh gu bheil trioblaid mhòr ann, agus gluasad gu sgiobalta gus iolairean buidhe a dhìon.